a' fàs...

... agus a' fàs agus a' fàs :)

tha an dithis seo a' cur deagh iongnadh orm. tha iad a' fàs gu luath agus gu làidir agus chan eil fhios agam càit a bheil iad ag iarraidh dol ;) ach tha e sgoinneil coimhead orra gach latha.
an tè air an dealbh chlì, 's e flùr ris an canar sinn "susanna dubh-sùileach". air an dealbh eile chìthear lus a tha air cleachdadh airson leann a dhèanamh.


blablabla

dhùisg mi an-diugh agus bha cuimhne agam air bruadar agus anns a' bhruadar fhèin bha fios agam gum b' e sgeulachd a th' ann a sgrìobhas mi - anns a' ghàidhlig. ach feumaidh mi beagan rannsachaidh a dhèanamh mus sgrìobh mi e o chionn 's gu bheil faclan a dhìth orm... faclan mun chuan agus tuil...

tha a h-uile duine as an rian leis an teas gu dearbh. a-raoir chaidh mi don stèisean airson suiteis agus deoch a cheannachd aig a' bhùth, agus bha balaich òga ann a bha ag iarraidh wodka a cheannachd. ach cha robh iad 18 fhathast no cha robh ID aca, co-dhiù thoisich aon dhiubh rudan uabhasach mi-mhodhail a ràdh don boireannach aig a' bhùth... ach tha daonnan luchd-poilis anns an stèisean agus dà mhionaid an-dèidh sin bha e ann an trioblaid mòr, o chionn's gun do lean e air agus thuirt e rudan gòrach don poileas cuideachd...
nuair a bha mi air an t-slighe dhachaigh a-rithist, thoisich cuideigin fireworks air an rathad agus bha tubaist beag ann oir thuit an sgudal air car air choreigin. tha am baile seo fìor chraicte.

di-ardaoin aig an oilthigh, bha sinn nar suidhe agus a' cabadaich anns an roinn ceilteach, agus chunnaic nighean gu bheil an teacsa bhon chlàs seann chuimris agam air printeadh air duilleagan mòra, le beàrnan eadar na loidhnean airson an eadar-theangachadh agus gràmar a sgrìobhadh fo ghach facal. dh' fhaighnich i càit an d' fhuair mi sin agus thuirt mi gun do rinn mi-fhìn e leis a' choimpiutair. "oh, ciamar an do rinn thu sin?" thuirt i agus bha beagan iongnadh orm. "An do rinn thu e leis an scanner?" Mhìnich mi dhi nach do rinn mi ach dìreach sgrìobhadh air a' choimpiutair. Dh' fhreagair ise: "Oh, a bheil Cuimris aig a' choimpiutair?"
Bha mi gun fhacal a ràdh, ach thuirt nighean eile: "Oh, tha, ach dh' fheuch mi sin agus cha bu toigh leam e... bha a h-uile rud dearg agus cha bhitheadh sin cho feumail." Cha do thuig mi sin ach an-dèidh mionaid no dhà: bha i a' ciallachadh an orthography check. cha robh fhios aice gur urrainn sin a chur às no atharrachadh gu cànan eile, agus cha robh fhios aice nach tèid na loidhnean dearga a phrinteadh.
(seadh, sin na arts / humanities, ach thogadh a' mhòr-chuid de na h-oileanaich a tha ann an-dràsda anns na 90s... O_o
chaidh mi dhan bhanca an-dè airson beagan airgid fhaighinn - tha an càirt agam briste, mar sin chan fhaigh mi airgead aig an inneal an-dràsda agus chan urrainn dhomh pàigheadh leis anns na bùthan. fhuair mi 50 € agus thuirt an duine a thug an airgead thugam: "gabh spòrs leis" - hmmm...

tha cailleach anns a' bhaile seo, boireannach gun dachaigh, agus is àbhaist dhi a bhith na suidhe àiteigin ann am meadhan a' bhaile, eadar na bùthan, aig balla no air staidhre. agus bidh i ag èigh no glaodh no gearan, le guth cruaidh, neònach, àrd, agus tha a h-uile duine gu math eòlach oirre. agus bidh a' chuid as motha ag ràdh gu bheil i dìreach uabhasach. ach tha rudeigin anns a guth agus anns an dòigh aice... seòrsa rithim do na faclan aice agus i an ràdh a-rithist is a-rithist mar gum bitheadh iad glè cudthromach... cha bhi duine sam bith a' tuigsinn na tha i ag ràdh, ach is aithne dhomh cuid rudan a bhi i ag ràdh gu tric, a-rithist is a-rithist. tha a ceann troimhe-chèile gu dearbh, ach tha rudeigin ann, air falach, agus is dòcha ann an cultar eile bhitheadh i na shaman no rud mar sin.

bruidhinn mu dheidhinn daoine as an rian... a-raoir bha mi a' cabadaich ri caraid air an eadar-lìon, agus thuirt e gu bheil rudeigin ceàrr leis a theanga. dh' fhaighnich mi dè bha ceàrr, agus dh' innis e gun robh rudeigin fliuch air an sgeilp aige, agus bha coltas sùgh-ubhail air. dh' fheuch e e leis a chorragan agus leis a theanga, ach bha blas neònach ann. an uair sin mhothaich e gun robh batteries briste nan laighe air an sgeilp. mar sin, bha e air an acid ithe.

bidh mi ag èisdeachd ri mòran cheòl suomais agus samais (hmm, finnish agus saami) na laithean seo, agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. agus tha mi dhen bheachd gu bheil an ceòl dualchasach seo gu math coltach ri òrain luaidh bho na h-eileanan siar, agus tha sin inntinneach. chan eil òrain luaidh ann ann an èirinn, mar eisimpleir, 's e rud gu math sònraichte a th' annta. bhitheadh e inntinneach faighinn a-mach a bheil ceangal ann eadar na h-òrain luaidh agus na h-òrain obraich aig na boireannaich taobh an ear-tuath na h-eòrpa.

blablabla... tha mise as mo rian leis an teas cuideachd :)

bàrdachd sgoinneil

a bheil sibh eòlach air kevin macneil? thachair mi ris a' bhàrdachd aige a' chiad turas anns an fhiolm "is mise an teanga" agus ann an "leabhar mòr na gàidhlig", agus tha an dàn "o ghrunnd na mara" air mo theanga a-nis, nam chuimhne, mar gibht sònraichte nach dìochuimhnich mi riamh.
tha làrach-lìn aig kevin cuideachd, seallaibh an-seo: http://www.angelfire.com/poetry/loveandzen/

agus lorg mi làrach eile far a bheil cuid dhen sgrìobhaidh aig kevin ri leughadh, pìosan ann am beurla, agus uabhasach làidir a tha iad:
http://www.laurahird.com/showcase/kevinmacneil.html

tha mi ag iarraidh an leabhar "love and zen in the outer hebrides" aige a cheannachd, chuir mi ceist ri comhairle nan leabhraichean a bheil e aca.

oidhchean fhada...

... laithean teth sgìth, agus oidhchean soilleir, làn ceòl fiadhaich agus smaointinn a' dol slighean inntinneach. carson a tha ceòl air a bheil mi eòlach gu math nas làidire agus nas àlainne an-dèidh meadhan-oidhche? chan eil mi ag iarraidh cadal. tha mi ag ionndrainn na mara. nan eileanan.

tha mi sgìiiiiiiiiiiith

... tha mi nam shuidhe ann an köln, a' feitheamh ris an trèana dhachaigh. bha a' chiad latha dhen chùrsa deireadh-seachdaine glè mhath agus bha oidhche sgoinneil againn anns a' chafaidh, ach is beag orm an siubhal fhada 'san oidhche... feumaidh mi feitheamh gu bhith uair a thìde - ach gu fortanach, tha cafaidh eadar-lìon fosgailte fhathast, agus mar sin tha mi a' sgrìobhadh sgudal an-seo. oidhche mhath!

"gleann a' bhupair"...

tha mi a' fuireach ann am wuppertal, agus airson fealla-dhà bidh mi ag ràdh "gleann a' bhupair" anns a' ghàidhlig :) ('s e abhainn a th' ann an wupper, agus tha "tal" a' ciallachadh gleann.)
bidh mòran daoine dhen bheachd gur e baile grod a th' ann, fiùs mura bheil iad air a bhith ann a-riamh :/
ach tha am baile a' còrdadh rium-sa, tha mòran àitean inntinneach agus àlainn ann.

.

.

.

.

.

seachdain grìanach

uff. seachdain trang a bha seo aig an oilthigh, ach tha mi gu sunndach agus uabhasach toilichte. tha seòrsa buidheann gàidhlig agam a-nis aig an oilthigh, le seachdnar a tha ag iarraidh gàidhlig ionnsachadh, agus bidh sinn a' bruidhinn mu eachdraidh agus cultar gàidhlig cuideachd...
tha mo chèile air falbh gu di-domhnaich do seòrsa co-labhairt bhon obair aige - ann an ibiza. chan eil e air falbh gu tric, agus tha sin a' faireachdainn beagan neònach, ach cha bhi e fada :)

sonic youth

tha féis ciùil mhòr ann an deireadh-seachdaine seo anns a' ghearmailt, rock am ring. cha rachainn ann idir, tha clìu aice a bhith na féis as salaiche, sgudalaiche agus as daoire air feadh na dùthcha.
ach chluich buidheann ciùil ann as toigh leam gu mòr - sonic youth . tha gaol agam air an ceòl aca fad 15 bliadhna no mar sin, 's e sin tuilleadh air an dàrna leth mo bheatha gu ruige seo :) bha agus tha iad glè glè chudthromach dhomh. tha iad a' dèanamh ceòl neònach, fiadhaich agus àlainn àlainn... nuair a bha mi nas òige bha mi daonnan ag iarraidh a bhith coltach ris an seinneadair boireanta aca, kim gordon.
bha mòran de na cuirm-ciùil aig rock am ring ri fhaicinn air an eadar-lìon, agus choimhead mi air sonic youth a-raoir. bha sin fada nas fheàrr na bhith am measg daoine gòrach anns an uisge, nam bheachd-sa :) cha robh an cuirm-ciùil cho uabhasach math... bha e ro ghoirid, agus coltach nach robh ùidh mhòr aig a' bhuidheann cluiche an-sin. ach bha e ceart gu leòr. dh' éisd mi riutha air cuirm-ciùil eile da thuras roimhe, mu 10 no 11 bliadhna air ais agus mu 3 no 4 bliadhna air ais, agus bha sin air leth math.

dè tha nas fheàrr...

... na ùine shnog anns a' bhùth leabhraichen agus fràs fhada theth agus pizza agus suidhe air a' bhalcony aig latha blàth le fuaim an uisge, agus an uair sin a' ghrìan a' tighinn a-mach le snodha-gàire :)

banca

bha mi aig a' bhanca 'sa mhadainn an-diugh airson airgead latvian fhaighinn... tha dùil agam CD a cheannachd bho buidheann-ciùil ann an latvia, agus an t-airgead a chur thuca ann an litir. co-dhiù, thuirt am fear anns a' bhanca nach eil airgead latvian ann. "oh, tha", thuirt mise, "chan eil euro aca." - thuirt esan: "tha iad anns an EU a-nis, agus mar sin tha euro aca." - "tha breatainn anns an EU cuideachd, agus chan eil euro aca", fhreagair mi. ach thuirt esan: "tha mi cinnteach gur urrainn dhuibh paigheadh le euro ann an gach dùthaich a tha anns an EU ged a tha seann airgead eile aca fhathast." - nach arrogant a tha sin? thuirt mi gum bi mi ann an sassain agus alba gu tric, agus chan fhaodar pàigheadh le euro idir ann an bùthan àbhaisteach. agus ma tha mi airson rud a cheannachd à latvia, bu toigh leam airgead latvian a chur do na daoine. ach thuirt am fear 'sa bhanca nach urrainn dhaibh airgead latvian faighinn air mo shon. bah! thuirt mi gum feuch mi aig banca eile a-màireach, agus bha e beagan feargach an uair sin, ach thachair rud coltach ri sin roimhe... bha dùil agam dol do dh' alba agus bha mi airson airgead breatannach fhaighinn, ach thuirt iad aig a' bhanca agam nach eil e aca agus dh' fheumainn pàipear a liontainn agus gheibheadh iad an t-airgead air mo shon an-dèidh 5 laithean... ach bha dùil agam dol do dh' alba an latha eile no mar sin, agus mar sin ghabh mi an t-airgead bhon cunntas agam, chaidh mi do bhanca eile faisg air làimh agus dh' fhaighnich mi an-sin, agus bha airgead breatannach gu leòr aca.
is dòcha gum bu chòir dhomh an cunntas agam a ghluasad do bhanca eile... :P