Earrach :-)
Bha e fuar, fuar, fuar na laithean sa chaidh, agus fliuch cuideachd. Ach an-diugh bha latha brèagha grianach ann, chaidh mi a snàmh tràth sa mhadainn, agus bha mi ann an deagh shunnd as-dèidh sin. Thàinig an GATH ùr anns a' phuist, agus leabhraichean sgoinneil bho charaid ann an Innis Tìle :-D San fheasgar bha dà sgoilear agam anns an sgoil-taic shìos sa bhaile, ach cha do nochd iad, agus mar sin shuidh mi ann an cafaidh snog agus dh' ith mi reòiteag mhòr :-P Bha mi nam shuidhe an-sin fon ghrèin mu uair a thìde, a' leughadh sgeulachdan le Aesop ann an Seann Ghrèugais. Tha mi toilichte gu bheil mi a' dèanamh fìor adhartais anns a' chànan sin, bha mi an còmhnaidh ag iarraidh a bhith comasach Seann Ghrèugais a leughadh coltach ri Laideann.
A' coiseachd dhachaigh bhon bhùth ann am beul na h-oidhche, agus an adhar fhathast blàth agus socair, thàinig seo nam inntinn:
osna mhaoth a' ghiblein òig
a' sìreadh corragan ri m' fhalt
tha a' ghaoth air leigeil às
na h-aodach gruamach geamhraidh
agus mise a' toirt fa-near
na bliadhna a' sgaoileadh
bidh an sàmhradh seo sgoinneil
(Seadh seadh, tha fios agam nach eil an Giblean ann fhathast, ach cha bhitheadh e cho snog le "osna mhaoth a' mhàirt òig :-P)