fori fora forum... agus smuaintean eile

Dè tha dol leis a' bhòrd-bràth Gàidhlig eadar-nàiseanta? Tha e air falbh o chionn beagan laithean - "server is busy". Carson a tha e trang? 8)

Bha mise an sàs le duilleag aig MySpace ;)
Bha mi daonnan dhen bheachd nach toigh leam MySpace, ach chunnaic mi daoine snog ann bho àm gu àm, agus chan urrainnear teachdaireachdan a sgrìobhadh gun a bhith na bhall.

Co-dhiù 's co-dheth, tha mi fhathast ag iarraidh an làrach-lìn agam fhèin a thogal a-rithist, 's ann dìreach gu bheil mi ag iarraidh làrach àlainn, mòr, le mòran rudan inntinneach, agus chan eil tìde agam idir... no tha mi dìreach leisg, is dòcha. Ach tòisichidh mi :)

Bha e gu math teth an-seo an-diugh, tha mi an dòchas gum bi e nas fhuaire a-rithist a dh' aithghearr. Chan eil mi ag iarraidh samhradh bhon Ghiblean dhan t-Sultain :o cha bhi m' inntinn ag obrachadh gu ceart.

Nise, chuir mi romham dàn Gàidhlig a leughadh gach feasgar. Feumaidh mi aideachadh gun do chuir mi sin romham aig toiseach na bliadhna mar-tha. Haha... bidh mi fhathast a' cur seachad cus ùine air an eadar-lìon, chan eil sin cho math. Bu chòir dhomh leabhraichean a sgrìobhadh :P

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger tearlach61

A Mhòna, bha mise a'saoiltinn an aon rud mu bhòrd-brath.

Dh'fheuch mise teachdaireachd a leigeil aig an làrach 'myspace' agad ach cho do dh'obraich mi a-mach mar am faigh mi ballrachd. Chuir mise làrach-myspace air dòigh ach chan eil fhios builleach carson. Ach tha gàidhlig gu leòr aig myspace co-dhiùgh.

As deidh a leithid de gheamhradh a fhuair sinne, tha mi an dòchas gum faigh sinn samhradh ceart.

4:33 nachm.  
sgrìobh... Blogger tearlach61

tha sinn ag amas air an Damhair. Chan eil na prìsean cho daor aig an àm ud, is bith seachdainn de laithean-saora aig mo nighean. Faodaidh cùisean atharrachadh ach sin an amas againn an-dràsda.

Tha ceist agamsa dhut. Am bi e freagarrach nan chuireadh mi fòn thugad? 'S e ùine mhòr, bliadhna tha mi a'smuaintinn bhon tuaras mu dheireadh a chuir mi fòn thugad. 'S àbhaist a bhith cothrom agam aig àm diathad ann an Alasca.

4:31 nachm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog