beannachdan tèicneòlais agus eile

Tha gaol agam air an inneal MP3 agam! :-D Hmm, a bheil sibh dhen bheachd gu bheil seo neònach? Is dòcha gu bheil. Ach tha mi dìreach cho toilichte gu bheil an t-inneal beag seo agam, tha e uabhasach feumail. Fhuair mi e aig mo cho-latha breith bhon duine agam :-) Chuir mi mòoooran ciùil air, agus stuth eile cuideachd: faidhlean bho Radio nan Gaidheal agus faidhlean ann an cànanan eile... agus dhìochuimhnich mi dè gu eagarra a tha ann, o chionn 's nach bi mi ag èisdeachd riutha cho tric 's a bu toigh leam. An-dè bha mi nam shuidhe anns a' bhus agus ag èisdeachd ri siud is seo, agus thachair mi ri faidhle air leth inntinneach: Bha cuideigin (Aonghas MacNeacail, tha mi a' smaoineachadh) a' dèanamh agallamh ri Ruaraidh MacThòmais. Abair Gàidhlig àlainn a tha aige-san! Bu chòir dhomh a' bhàrdachd aige a leughadh a-rithists... agus nach eil film ann air a bheatha? Ar leam gun robh sin aig "Film Alba" ann am Bonn uaireigin...

Rud eile - inneal eile - tha càmara agam a-rithist, yay! :-D Nikon F301 a th' ann, tè a bha mi ag iarraidh o chionn fhada... Uill, bidh mòran daoine ag ràdh: Dè an sgudal seann-fhasanta a tha seo? Ach tha mise measail air dealbhan a thogal anns an t-seann dòigh! :-P
Tha mi an dòchas gum bi an càmara ceart gu leòr. Cha deach a chleachdadh o chionn fhada, ach bha na batteries ann fhathast... agus leig aon dhiubh a-mach an stuth, eeeeh, a tha ann (haha, duilich, chan eil fhios agam ciamar a chanas mi sin 'sa Ghàidhlig). Gu fortanach cha deach e a-steach dhan chàmara fhèin, cha deach e ach dhan bhocsa fon chàmara far a bheil na batteries - no tha mi an dòchas gur ann mar seo a tha e.
Togaidh mi dealbhan a-màireach agus chì mi...


Tha naidheachd eile agam: Tha seòmar comhraidh Gàidhlig ann a-rithist. Tha mi an dòchas gun còrd e ruibh :-)
Nise, feumaidh mise an seòladh lìn agam fhìn air ais fhathast (mona-nic-leoid.de). Chaidh rudeigin ceàrr leis o chionn greis, ach chan e mise as coireach. Na cuiribh earbsa ann an rudan mar sin bho "charaidean", gun chumhnant!

Co-dhiù, thàinig naidheachd bhrèagha eile thugam 'sa mhadainn an-diugh. Bha fios agam mar-tha gu bheil dàn no dhà bhuam anns an iris ùr aig GATH, ach cha robh dùil agam air seo: Dh' fhosgail mi litir, agus bha seic ann :o An toiseach cha robh mi a' tuigsinn dè bha ann idir... bha mi a' smaoineachadh gun robh e bho Chomhairle nan Leabhraichean agus gun robh mi air pàigheadh cus no rudeigin, ach an uair sin chunnaic mi am meud... bha an t-iongnadh orm gun teagamh! :-) Tha mi an dòchas gum faigh mi an t-airgead seo ceart gu leòr tron bhanca Ghearmailteach agam...
Agus chan fhaca mi an iris ùr seo aig GATH gu ruige seo idir, hehe. Bu chòir dhomh "fo-sgrìobhadh" a dhèanamh, tha mi a' smaoineachadh... Tha mi air ordugh a chur ri Comhairle nan Leabhraichean, ach thuirt iad nach eil an iris aca an-dràsda agus feumaidh mi feitheamh seachdain no dhà... ach chan eil mi buileach cinnteach a-nis an e sin an iris as ùire co-dhiù, hmmm. Chì mi :-) Agus tha mi a' sgrìobhadh rudan ùra cuideachd.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger tearlach61

'S inntinneach a tha sin, tha inneal-mp3 a'tighinn thugam-sa. Bha dùil agam gum biodh e ann aig àm na Nollaig ach chuir iad thugam an inneal ceàrr 's chuir sinn air ais thuca-sa e. 'S dòcha gum bith e agam ann an ùine nach bi fad.

Dè seòrsa de dh'inneal a cheannaich tu? 'S e ARCOS av-500 a tha a' tighinn thugam-sa. Tha e beagan nas motha na mhòr chuid saoilidh mi gum bith gu math freagarrach dhomh.

8:10 nachm.  
sgrìobh... Blogger mona

Hi Chuck :-)
cha do cheannaich mise e idir, fhuair mi e airson co-latha breith (nach buidhe dhomh, hehe). 'S e Samsung air choireigin a th' ann, agus mas math mo chuimhne, tha 4 GB ann. Tha sin ceart gu leòr dhomh-sa :-)

1:00 vorm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog