leabhar ùr, oidhche chiùin, ceòl àlainn, agus fìon dearg à gloinne uisge-beatha


Sin mar a tha e. Tha na gloinneanan fhìon uile salach, agus bha mi ro leisg gus an glanadh. Coma leam-sa. Tha am fìon ceart gu leòr, La cuvée mythique, agus cheannaich mi e o chionn 's gun do chòrd an dealbh leis a' chailleach-oidhche air a' bhotail rium ;-) Slàinte mhath, agus tha an deireadh-seachdaine ann, ha!

Ràinig leabhar-ionnsachaidh Lithuanian an-diugh - mu dheireadh thall, bha mi a' feitheamh ris choooo fada. Uill, 5 laithean, leis an fhìrinn innse. Cheannaich mi air ebay e, ach bha mi ga iarraidh o chionn fhada. 'S ann dìreach gu bheil e uabhasach daor, leis na clàran is tèipichean co-dhiù. Ach tha e math. Tha mi air Lithuanian gu leòr ionnsachadh le seann leabhar aig an oilthigh, ach cha robh stuth airson èisdeachd ann, agus sin an rud as cudthromaiche. Chan eil mòran ghràmair anns an leabhar ùr, no tha mi eòlach air co-dhiù, ach tha e uabhasach feumail airson comhradh simplidh, an cànan mar a tha e ga bhruidhinn na laithean seo. Sin na bha a dhìth orm.

Bha mi a' faireachdainn rud beag fogharach (hehe, chruthaich mi facal ùr) an-diugh agus thòisich mi ri ceòl freagarrach a lorg... Tha mi ag èisdeachd ri Mazzy Star, Cocteau Twins, Slowdive, Faith and Disease, Merry November, Kirlian Camera, agus rudan mar sin fad an fheasgair :-)
An rud a tha a' cur dragh orm - chan urrainn dhomh èisdeachd ri ceòl agus ri clàr chànain aig an aon àm, grrr... ;-) Bhitheadh inntinn stereo glè fheumail gu dearbh.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cadalach

Carson nach dèan CD ùr ma tha? Tha mi cinnteach gum bi bathar bog ri fhaiginn air an eadar-lìon leis gum b' urrainn dhut CD a dhèanamh air am biodh ceòl air an taobh chlì dhen "chluasan-fhòn" (ciamar a chanas mi "headphones" sa' Ghàidhlig?) agus còmhradh air an taobh eile? :-)

8:24 PM  
sgrìobh... Anonymous Anonym

Tairgse iasaid


Tha Kendal Capital a tha a ’frithealadh Millionaires meadhan-chlas a’ faighinn iasad aig 3%
ìre rèidh aig 15 bliadhna aig a ’char as àirde gus an iasad a phàigheadh air ais.

A bheil feum agad air iasad èiginneach gus do ghnìomhachas pearsanta a thòiseachadh ?? ?
Tha e comasach dhuinn iasad sam bith a tha a dhìth a thoirt dhut. Ma tha ùidh agad cuir fios chun phost-d seo: kendalservingmiddleclassmillio@gmail.com

Boggie Hanczaruk

2:27 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog