hahaha, ball-coise

Feumaidh gum bi sibh uile a' smaoineachadh gu bheil mi beagan neònach (ach uill, seallaibh air ainm na duilleige seo :-P ) - Cupa na Cruinne a' toiseachadh 'sa Ghearmailt an-diugh agus a' chiad geam seachad, agus chan eil dad ri leughadh an-seo ach sgeulachd mu chonsairt neònach...
Uill, a-rèir coltais bhuannaich a' Ghearmailt... agus tha an deoch air a h-uile duine. Leis an fhìrinn innse, tha mi gu math coma mu dheidhinn Cupa na Cruinne fhèin - ach is beag orm na mìltean daoine anns na bailtean agus air na trèanaichean, na daoine air mhisg, na daoine mi-mhodhail, fuaimneach, na stèiseanan loma-làn, salach, na trèanaichean fadalach, gaaaaah :-P Tha mi a' fuireach faisg air Cologne agus tha mòran daoine air tighinn an-sin, bidh cuid gheamaichean a' tachairt anns a' bhaile sin. Agus feumaidh mise dol troimhe dà no trì tursan 'san seachdain nuair a bhitheas mi a' siubhal dhan oilthigh ann am Bonn.

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Tha sinn h-uile seachd searbh sgìth le sgeulachd cas Rooney, bha na meadhanan ga leantail, bho Frankfurt gu Manchester agus air ais air a’ plèana sònraichte aige agus bha sin an rud as cudromaiche san t-saoghal an t-seachdain seo.
Bha fiù ‘s Sven bochd den bheachd gun d’rinn na meadhanan cus dheth.

Que sera, sera,'...cuir do sgioba an seo...' gu bràth, gu bràth,
Que sera, sera,

11:26 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog