tha mi ag èisdeachd...

... ri SONIC YOUTH fad an latha, an deireadh-seachdaine neònach seo.

tha mi air a bhith measail air a' chòmhlann seo ùine fhada... barrachd na dàrna leth mo bheatha gu ruige seo, hehe... uaireigin feumaidh mi rudeigin a sgrìobhadh mun deidhinn 'sa ghàidhlig, ach cha dèan mi sin an-dràsda. a bheil duine sam bith eòlach orra?

an-diugh, eadar bròn, aimhreit, grian is cuimhne, tha mi ag èisdeachd ris na clàran "a thousand leaves" agus "nyc ghosts and flowers", agus tha gu h-àraidh an t-òrain "hoarfrost" a' còrdadh rium.

i put my feet deep in the tracks that you made
walked behind you off into the wood
we'll know where when we get there you said
and we both knew we would ...

bu toigh leam sin a chur 'sa ghàidhlig, ach chan eil mi cho cinnteach. cha robh mi a-riamh math air eadar-theangachadh, ann an cànan sam bith ;-)