MONA ann an gleann a' cheò
Fàilte don leabhar-latha agam :) 's e leth-Albannach, leth-Ghearmailteach a th' annam, rugadh mi 'san Damhair 1976 agus tha mi nam oileanach (cànanan Ceilteach, cànanan + cultaran Lochlannach, eachdraidh chànanan innseach-eòrpach agus seann eachdraidh/arc-eòlas) aig an oilthigh ann am Bonn. Tha gaol agam air na h-Eileanan Siar agus air a' Ghàidhlig :) agus tha ùidh agam ann am mòran chànanan agus rudan eile agus is toigh leam cabadaich air an eadar-lìon...
2 freagairt(ean)
Abair dealbhan àlainn!!!!! :-) 'S bochd nach eil an camara math, ach 's toil leam na dealbhan co-dhiù!!!
Tha mi an dòchas gum bi cothrom agam uaireigin, a dhol a dh'Alba cuideachd...
Dè th'ann an "tarscabhaigh"?
Flùr,
tapadh leat! :-)
'S e àite a th' ann an Tarscabhaig, baile beag. Tha e air an taobh an iar Slèite, faisg air Sabhal Mòr Ostaig, an colaisde Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.
Mona
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog