dealbhan àlainn

Chunnaic mi làrach-lìn le dealbhan camara àlainn à Alba an-diugh: http://walks.theboyhope.com/ Is coltach gum bi an duine seo a' siubhal air feadh Alba gu tric, uisge ann no às, as t-samhradh, 'sa gheamhradh, 'sa cheò, 'sa ghrèin... agus chìthear a h-uile rud air an làrach-lìn. Tha mi rud beag farmadach! ;-) Is toigh leam dealbhan a thogal, ach gach turas a bha mi ann an Alba na bliadhnaichean sa chaidh, bha rudeigin ceàrr leis a' chamara agam. A-nis tha e gu tur briste agus chan eil airgead agam airson fear ùr, grrr.
mona

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cam

O, tapadh leat. Tha iad àlainn, gu dearbh, a Mhona. Cha chreid mi nach bi an gille seo ag ionnsachadh Gàidhlig oir tha e air an fhòram Gàidhlig ùr.

6:08 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog