mill a h-uile blog >:-|

gaaah, sgoinneil. dh' fheuch mi rudeigin ùr leis an template, agus chan eil e ag obrachadh. ma thigear do theachdaireachd air choreigin an-seo mar eisimpleir bho thir nam blog, chithear ceangail leis na faclan "sgrìobh do bheachd" agus "air ais dhan bhlog" fon sgrìobhadh bhuam, ach chan eil an ceangal aig "sgrìobh do bheachd" ag obrachadh. tha am fear eile ceart gu leòr. dh' atharraich mi na faclan oir bha beurla ("home") agus gearmailtis ("kommentar einfügen" no rudeigin) ann. ach rinn mi rudeigin ceàrr leis an càc... eeeeh, leis an code anns an template. cha bhi sin ann nuair a thig cuideigin bho phrìomh-dhuilleag a' bhloig... bidh na freagairten ag obrachadh ceart gu leòr an uair sin oir tha duilleag eile ann, an tè gheal.
a bheil sibh gam thuigsinn? grrr. thug mi sùil air na source codes aig daoine eile, ach cha robh mi a' tuigsinn dè rinn mi ceàrr. tha sin rud beag doirbh o chionn 's gu bheil an source code eadar-dhealaichte bhon template... tha cus stuth sònraichte ann a tha a' buinneadh don dearbh dhuilleag a tha ri faicinn.
a bheil comhairle aig duine sam bith?

hehe, nach math gu bheil mi nam shuidhe anns an oifis gòrach seo 4 uairean a thìde gach latha agus chan eil dad feumail agam ri dhèanamh :-P
ach thèid mi do IKEA 'san fheasgar an-diugh... :-D

ma tha sibh airson rudeigin inntinneach (agus tàmailteach) a leughadh mu phoileataics chànan, rachaibh dhan blog aig graisg...!

3 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cadalach

Chuir mi post-d thugad... :-)

5:58 PM  
sgrìobh... Blogger mona

sgoinneil! tha e ag obrachadh an-dràsda. tapadh leat, a chadalaich! :-D
tha mi a' smaoineachadh gu bheil am blog gu tùr gàidhlig a-nis.

9:03 AM  
sgrìobh... Blogger Cadalach

Glé mhath -- tha a h-uile rud ag obair gu ceart a-nis :-)

1:08 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog