saor-laithean beaga / leabhraichean

Bidh sinn ann am Wien bho a-màireach gu Di-Luain an ath-sheachdain :) Bidh sinn a' fuireach aig caraidean agus tha an t-eadar-lìon aca cuideachd, ach cha chreid mi gum bi mi ann gu tric... tha sinn ag iarraidh fois agus spòrs. Tha dùil agam dealbhan-camara a thogal, agus is dòcha gun cuir mi feadhainn ann an-seo fad 's a bhitheas mi an-sin (mura dìochuimhnich mi a-màireach an camara a chur anns a' bhaga, haha).

Rud eile, chuir cuideigin aig an oilthigh leabhar-ionnsachaidh Gàidhlig thugam air nach robh mi eòlach roimhe: "Can Seo". Tha e gu math aosda, ach inntinneach gu leòr airson luchd-toiseachaidh, ged nach eil fhios agam a bheil e fhathast ri faighinn idir. Tha tèipichean ann cuideachd a tha gu math snog.
Ach an rud as inntinniche dhomh: an toiseach cha robh mi cinnteach dè bha ann a chòrd rium mu shealladh an leabhair... ach mu dheireadh thall mhothaich mi - tha tiotal Gàidhlig air! Chan eil mi eòlach air leabhar-ionnsachaidh eile idir - oh, tha e dìreach a' tighinn do m' inntinn, tha "Cothrom Ionnsachaidh" le Ronald Black ann cuideachd!!! - ach chan eil mi eòlach air leabhar eile le tiotal Gàidhlig. An fheadhainn a bhitheas a h-uile duine a' cleachdadh: Teach Yourself, Colloquial, Speaking our Language... ainmean Beurla orra uile. Agus cha do mhothaich mi gus an-diugh gur ann seo an rud nach chòrd rium mun deidhinn...
Nuair a bha mi aig an sgoil, bha e gu math inntinneach dhomh gun robh tiotal anns a' chànan fhèin air gach leabhar-ionnsachaidh a fhuair sin: Beurla, Laideann, Frangais, Eadailtis - b' e "Green Line" an tiotal air an sreath leabhraichean Beurla a bha againn, agus mas math mo chuimhne bha sin bho ainm aig bus ann an Lunnain no rudeigin. Bha leabhraichean Laidinn againn leis an tiotal "Ostia" agus tha sin a' ciallachadh "dorsan" no "geata". B' e "Buongiorno" no rud mar sin air an leabhar Eadailtis. Agus tha mi dìreach air sreath leabhraichean-ionnsachaidh fhaighinn à Lithuania, air a bheil "Po truputi", a' ciallachadh "Beag air bheag". Tha mòran de na sgoilearan air a bheil mi eòlach ag ionnsachadh Frangais le leabhar leis an ainm "Decouvertes", is toigh leam sin cuideachd. 'S e "Kantharos" an leabhar-ionnsachaidh Seann Ghrèugais a thèid a chleachdadh mar as trice.
Dè tha mi ag iarraidh leis na h-eisimpleirean seo uile? Uill... tha mise dhen bheachd gu bheil ainm anns a' chànan fhèin a' toirt misneachd dhan luchd-ionnsachaidh. Is dòcha gur e rud "psychological" a tha ann. Tha mi a' smaoineachadh gum bi ainm inntinneach a' tarraing nan daoine a-steach dhan leabhar, dhan chànan. Bha mi-fhìn an comhnaidh a' faireachdainn coltach ris sin co-dhiù. Bidh mi a' coimhead air an leabhar agus bidh fios agam gu bheil mi ag obair le is anns a' chànan seo a-nis.

Is bochd nach eil tiotal Gàidhlig air tuilleadh dhe na leabhraichean-ionnsachaidh Gàidhlig, nam bheachd-sa. Bidh cus dhaoine a' bruidhinn cus mu dheidhinn a' chànain fad na h-ùine seach anns a' chànan co-dhiù. Agus tha sreathan leabhraichean mar "Speaking our Language" a' sealltain, ann an dòigh, gu bheil e ceart gu leòr bruidhinn mu "ar cànan" ann an cànan eile - nach neònach sin?

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

‘S e deagh leabhar a th’ ann an ‘Can Seo’ gu dearbh, gu mi-fhòrtanach tha e a-mach à chlò a-nis Mhona. Tha blas Sgiathanach air a h-uile càil nach eil? Chan eil dad ceàrr le sin.
‘Green line’, seadh bha an abairt ud ceangailte le busaichean ann an Lunnainn, bhiodh na busaichean ud gad thoirt taobh a-muigh Lunnainn, bha an aon coltais orra mar na ‘Routemasters’ dearg ach bhiodh iad a’ dol dhan àiteachean a leithid Stevenage, Guildford, Windsor. Saoilidh mi nach eil iad ann a-nis ach chan eil mi cinnteach mu a dheidhinn ach bidh iad ioma-dhathach le sanasan eagallach cunnartach air an taobh a-nis. Chòrd an saoghal rium nuair a bha a h-uile càil dìreach uaine ‘s dearg, ach tha na làithean sin seachad a-nis, feumaidh na busaichean agus a h-uile càil eile a bhith dèanamh prothaid, gu h-àraidh a h-uile sìon ceangailte le Nollaige.
Sin ‘Gearain na Maidne seachad a nis…

Turas math dhuibh Mhona, tha mi an dòchas gum bi deagh spors dha-rìribh agaibh!

10:18 AM  
sgrìobh... Blogger mona

hmmm, tha mi a' smaoineachadh gu bheil blàs beagan bheurlach air aon de na daoine air na tèipichen "can seo". ach cha do dh' èisd mi riutha gu tric fhathast...

8:35 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog