seòmar chòmhraidh gàidhlig

bha oidhche annabarrach èibhinn againn a-raoir anns an t-seòmar chòmhraidh. 's e àite dìreach sgoinneil a th' ann. chan ann a-mhàin gu bheil e uabhasach feumail do luchd-ionnsachaidh na gàidhlig, ach cuideachd gu bheil e làn fealla-dhà is spòrs. as-dèidh latha fada trang is toigh leam coinneachadh ri daoine laghach agus cabadaich 'sa ghàidhlig. agus uaireannan bidh an còmhradh againn fìor chraicte is mi-mhodhail :-D an rud a tha a' còrdadh gu mòr rium, 's e gun tig daoine às na ceithir ranna ruadha dhan t-seòmar, le cànanan eadar-dhealaichte, ach ùidh aca uile anns a' ghàidhlig. a-raoir bha daoine à chile, an spàinnt, sasainn, a' ghearmailt, alba agus astràilia ann, agus tha feadhainn eile againn ann an canada, alasca, agus àitean eile. nuair a bhitheas e mu mheadhan-oidhche agam, bidh e tràth 'san fheasgar ann an alba nuadh, agus mu mheadhan-latha ann an alasca... agus cha chreid mi nach bidh e mu mheadhan-latha cuideachd ann an astràilia, ach 's e an ath-latha a bhitheas ann mar-tha. nach craicte sin? :-D
ma leughas sibh seo agus cha robh sibh eòlach air an t-seòmar chòmhraidh againn roimhe, thigibh a-steach! bidh fàilte chridheil oirbh gun teagamh!