leabhar ùr - cànan eile

uiui, tha mi toilichte an-diugh. 'sa mhadainn thug mi sùil air a' chunntas banca agam (nach feumail a tha sin air an eadar-lìon) agus chunnaic mi gun d' fhuair mi an t-airgead bhon obair anns an sgoil choimpiutair mu dheireadh thall (airson dàmhair!). air an rathad dhan stèisean fhuair mi airgead bhon inneal bhanca agus nuair a bha ùine shaor agam aig an oilthigh, càit an deach mi, hmm? uill, dhan bhùth leabhraichean, cha chuir seo iongnadh oirbh ;) cheannaich mi seo:

hmmm, dè tha sin, bidh sibh a' faighneachd dhìom? 's e leabhar beag mun chànan samais, air a bhruidhinn anns na sgìrean taobh tuath nirribhis, an t-suain agus suomi (finland). tha ùidh mòr agam anns a' chànan sin, agus bha mi ag iarraidh ionnsachadh bhon latha nuair a chuala mi an seinneadair samach (? hihi, chan e "sàmhach") mari boine - cha chreid mi seo, a rèir coltais chan eil làrach-lìn aice idir idir. is bochd sin gu dearbh. tha i fìor mhath, bidh i a' seinn anns an dòigh tràidiseanta, a tha gu math sònraichte, ach ann am measgachadh le ceòl jazz agus pop. tha guth àlainn aice agus tha i gu math snog agus tha beachdan inntinneach aice mu chùltar agus poileataics (leugh mi cuid agallaimh leatha).
uill co-dhiù, bha ùidh agam anns a' chànan, ach - coltach ris an t-suidheachadh aig mòran daoine a tha ag iarraidh gàidhlig ionnsachadh - cha robh fios agam ciamar a nì mi sin. cha robh leabhraichean ann, cha robh mi eòlach air duine sam bith eile aig an robh ùidh anns a' chànan, agus aig an àm sin, o chionn mu dheich no còig bliadhna deug, cha robh an eadar-lìon agam agus cha robh e cho mòr agus trang na tha e an-diugh co-dhiù.
uill, dhìochuimhnich mi mun chànan sin an uair sin, ach an uair sin, o chionn bliadhna no dhà, thachair mi ris a-rithist, agus lorg mi leabhraichean aig an oilthigh, ach bha iad gu math sean agus cha robh iad feumail airson ionnsachadh idir. dh' fheuch mi ri daoine a lorg air an lìon cuideachd, ach cha d' fhuair mi lorg air mòran... ach a-nis, tha an leabhar beag snog seo agam, agus bidh clàr le fuaim a' chànain ann cuideachd, agus cha chreid mi nach chuir mi post-d don tè a sgrìobh an leabhar agus is dòcha gu bheil i eòlach air àitean air an eadar-lìon far am b' urrainn dhomh mo chuid samais a chleachdadh agus a leasachadh agus cabadaich ri daoine aig a bheil an cànan.
chì mi...