dearg

oh tha mi cho toilichte a-nis gach turas a tha mi a' coimhead air an làrach-lìn seo :) tha mi gu math cinnteach gun sgrìobh mi tuilleadh anns a' bhlog seo a-nis o chionn 's gu bheil an sealladh ùr a' còrdadh rium glan agus a' toirt brosnachadh dhomh.

thuirt sibh uile gu bheil e chooooo dearg. hmm, leis an fhìrinn chan eil e chooooo dearg, a bheil? tha e dearg dorcha, beagan mar fhuil no meirg, tha mi a' smaoineachadh. seo mar a tha e air an sgrìon agam-sa co-dhiù. is toigh leam an dath seo gu dearbh. bheir e neart agus deagh shunnd thugam. is toigh leam craobhan le duilleagan a dh' fhàsas dearg as t-fhoghar.

naidheachdan eile? oh, fhuair mi leabhar gàidhlig ùr, "cuimhneachain phrìseil", tha e snog ach cha do leugh mi mòran fhathast. tha sgeulachdan ann, air innse le daoine aosda anns na hearadh, air cruinneachadh le sgoilearan ann am pròiseact sònraichte. chunnaic mi gu bheil sgeulachdan beaga èibhinn ann, agus cuimhneachain bhon bheatha aig na daoine aosda cuideachd.

an ath-sheachdain feumaidh mi òraid bheag a ghabhal anns a' chlas nirribhis aig an oilthigh - feumaidh gach duine anns a' chlas sin a dhèanamh turas no dhà 'san term, mu chùspair sam bith, ach ann an nirribhis :)
cha chreid mi nach bi mi a' bruidhinn mu na h-eileanan sìar agus buaidh nan lochlannach air a' chùltar gàidhlig no rudeigin... 's àbhaist dhomh a bhith gu math leisg le nirribhis, ged as bochd sin - tha mi air an cànan seo ionnsachadh barrachd air bliadhna, agus bu chòir dhomh a bhith fada nas fheàrr na tha mi. agus chan e cànan uabhasach doirbh a th' ann, chan e idir, tha e gu math furasda. bidh duine le beurla no/agus gearmailtis a' tuigsinn mòran ann an nirribhis sgrìobhte. chan eil an gràmar doirbh. tha blàs-cainnte no dual-chainnt eadar-dhealaichte ann, agus uaireannan chan eil e furasda na daoine a thuigsinn. ach tha tìdsear glè laghach agam, 's e kari an t-ainm a th' oirre agus tha i à oslo ("uisleo", mar a chanas iad, hehe, dh' fheuch mi a chur ann an dòigh-sgrìobhaidh gàidhlig an-seo). bidh i a' bruidhinn ann an nirribhis ruinn fad na h-ùine, ach ann an dòigh furasda, soilleir.
fhuair mi a-mach gu bheil an tidsear ceart glè chudthromach dhomh ann an ionnsachadh cànain. cha bhi mi ag ionnsachadh mòran le tidsear nach bi a' toirt misneachd do na sgoilearan, nach eil laghach agus foighdineach, nach eil deonach ri taic a thoirt dhuinn anns an ìre freagarrach... is fheàrr leam ionnsachadh leam fhìn seach ionnsachadh le tidsear dona :(
ceart ma-tha, chì mi dè bhitheas a' dol le nirribhis... :)