aodach ùr ;)
woho, chaidh agam ris na dathan atharrachadh an-seo, mu dheireadh thall... leis an fhìrinn innse, cha robh an dubh a' còrdadh rium idir, ach bha mi ro leisg agus bha beagan eagal orm gum millinn a h-uile script nan rachainn ann airson rudan atharrachadh.
tha mi air feuchainn ri cuid rudan eile atharrachadh cuideachd - tha mi ag iarraidh na laithean agus rudan eile anns a' ghàidhlig... agus tha mi air coimhead air an script aig cadalach gu mionaideach (duilich, hehe ;) ), ach chan eil mi air faighinn a-mach càite agus ciamar a nìthear e.
as-dèidh deich mionaid:
aha, tha am fo-sgrìobhadh ceart gu leòr a-nis, ach càit a bheil na laithean??? :o cuidichibh miiiiiiiii! ;-) *a' dol air as dhan script*
cairteal na h-uaireach as-dèidh sin:
tha iad ann!!! hihihi! tha iad aaaaaaannnnnn! chan eil mi cho dona, a bheil?
MÒRAN TAING DO CHADALACH, bha an script agad agus am mìneachadh a chuir thu ann gu math feumail, gu h-àraidh airson an nighean ghòrach seo a th' annam :-D
naidheachd snog eile: tha na sanasan gòrach air falbh bhon bòrd-bràth gàidhlig-gearmailteach - tha sin a' cosg beagan airgid, ach tha am bòrd fada nas luaithe agus nas brèagha gun an stuth gòrach a bha a' fosgladh gach turas a rachar (???? facal neònach) ann. tha mi gu math cinnteach nach robh ùidh aig duine sam bith anns na fuaimnean airson fòn làimh, no geamaichean choimpiutair agus dè eile a bh' ann...
mona

5 freagairt(ean)
Feasgar math a Mhona,
Woah! Tha am blog agad glé dhearg a-nis!
Co-dhiù, mar a thuirt mi an seo, ma tha ceistean agad mu dheidhinn an "script" no stuth eile, chuir post-d thugam (seòladh air a' bhlog agam) agus chì sinn ma tha na freagairtean agam.
Agus, nach do chòrd mo litreachaidhen riut?! Chan eil sin a' cur dragh sam bith ormsa -- agus is urrainn dhomh "Céitean" fhaicinn fhathast... ;-)
Sin thu fhèin Mhona! Bhiodh sinn uile ann an fìor dhroch staing gun an taic a tha sinn fhaighinn bhon ghaisgeach na Java ud Cadalach. Mòran taing Sleepy-one ;-)
Abair dearg! 'S toil leam i, agus tha i nas fhasa ri leughadh, 'nam bheachd. Cùm ort!
a chadalaich - a bheil thu a' ciallachadh gun do sgrìobh mise "di-luain" seach "diluain" agus mar sin air adhart? uill, dh' ionnsaich mi e mar sin agus is fheàrr leam e :)
hmm, agus dè mu dheidhinn céitean?
Tha, ach mar a thuirt mi, chan eil dad sam bith ceàrr le sin :-) Agus, tha stràc geur ann fhathast ann an "Céitean" -- nach fhaca tu e? Tha an stràc geur fhathast beò ann an Tìr nam Blòg! :-)
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog