càit a bheil an latha??
tha na laithean a' dol seachad cho luatha 'san aimsir seo. hmm, is dòcha gum bu chòir dhomh èirigh nas tràithe 'sa mhadainn cuideachd... ;) ach co-dhiù, mu chòig uairean feasgar thig an dorchadas a-rithist, agus bidh mi a' faireachdainn sgìth agus leisg. chan eil mi a' dèanamh mòran na laithean seo, ged a bu chòir dhomh agus bu toigh leam. chan eil mi cinnteach ciamar a dh' atharraicheas mi seo. chì mi am bi seo a' fàs nas fheàrr an seachdainn 'sa tighinn... tha mi air mo shàrachadh an-diugh cuideach o chionn 's gun do chaill mi sgoilear (chan eil a mhàthair ag iarraidh gun tèid mi ann tuilleadh) agus tha mi gu math cinnteach gun caill mi tè eile o chionn 's gu bheil a màthair a' gearan fad na h-ùine, agus bidh an t-airgead gann a-rithist, agus uaireannan is beag orm a h-uile rud seo, nach bi mi riamh cinnteach mun airgead agus an obair agam ag atharrachadh fad na h-ùine, ach aig an aon àm tha fios agam gu bheil mi gu math fortanach leis an obair seo air mo cheann fhèin... gaaaah. bu toigh leam am lottery a bhuannachd (haha, nàire orm, bha agam ri coimhead anns an fhaclair airson "buannaich" -> "buannachd", cha robh mi idir cinnteach).
thòisich mi sgrìobhadh ann am forum lithuanian mu cheòl ròc / metal an-dè, tha sin uabhasach èibhinn. thòisich mi an cànan sin ionnsachadh bliadhna air ais aig an oilthigh, agus cha do chleachd mi e gu tric fhathast. cha bhi sinn a' bruidhinn mòran anns a' chlàs, dìreach a' leughadh agus a' dèanamh obraichean anns an leabhar. 's e cànan àlainn inntinneach a th' ann, agus bu toigh leam a bhith nas fheàrr air. ach bha mi gu math leisg agus cha do rinn mi mòran air a shon. feumaidh mi faclair a cheannachd cuideachd, ach lorg mi faclair air an eadar-lìon, agus is urrainn dhomh còmhradh furasda a dhèanamh. ach tha mi gu math slaodach... agus an toiseach, cha robh na daoine anns a' bhòrd-bràth ud a' creidsinn gur e ban-ghearmailtis a th' annam agus gu bheil mi ann airson ionnsachadh, bha iad dhen bheachd gu bheil mi a' tarraing àsta. pfffff.... uill, chì mi dè bhitheas a' dol...
mona

0 freagairt(ean)
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog