naidheachdan fadalach

bha rudan gu leòr a' tachairt an-seo o chionn goirid, ach bha mi beagan leisg leis an sgrìobhadh an-seo.

bha "oidhche ceilteach" ann, anns an taigh-tasgaidh ann am bonn, agus bha rudan co-cheangailte ri gàidhlig a' tachairt an-sin cuideachd. bha mìcheal a' seinn òrain gàidhlig, bha cuirm-ciùil eile ann le ceòl èireannach, bha buidheann ann a dh' innis rudeigin mu cheòl seann ghrèigis agus ròmanach agus seann cheilteach (ged a bha aca ri aideachadh nach eil mòran a dh' fhios againn idir mu cheòl seann cheilteach). fhuair sinn fiosrachadh mu aodach ceilteach agus dòigh beatha ceilteach cuideachd, agus bha am film "màiri mhòr nan òran" ann. choimhead mi air an fhilm seo aig fèis nam filmichean gàidhlig dà bhliadhna air ais mar-tha, ach bha e snog fhaicinn a-rithist. t

seachdain as-dèidh sin, a' chiad latha dhen t-samhain, rinn mìcheal cuirm-ciùil eile, le òrain agus sgeulachdan freagarrach dhan latha. bha e math fhèin, agus chaidh janni agus mise ann ann an aodach bhan-bhuidseach ;) ma tha sibh airson dealbhan fhaicinn, seallaibh air a' chùspair anns a' bhòrd-brath gàidhllig-gearmailtis.

rud eile a bha a' còrdadh gu mòr rium, tha loudspeakers agam aig a' coimpiutair a-rithist mu dheireadh thall (chan e gun robh iad a dhìth orm roimhe, 's ann dìreach gun do chaill mi iad nuair a bha mi a' gluasad an àirneis-taighe agus a' sgioblachadh an t-seòmair mhòir, agus cha d' fhuair mi lorg orra a-rithist gu ruige seo...) - agus b' urrainn dhomh sùil - agus cluas ;) - a thoirt air gaelcast. bha mi ag èisdeachd ris a' chiad agus dàrna phrògram, agus bha sin gu math inntinneach agus deànta ann an dòigh laghach.

tha telebhisean gàidhlig ri faighinn air an lìon an-dràsda cuideachd, beagan co-dhiù. bha mi a' coimhead air "eòrpa" an-dè, bha cùspairean inntinneach aca, mu chroitearan ann an alba, agus daoine turcach anns a' ghearmailt, agus rudan eile. ach bha an tè bhon BhBC a' bruidhinn uabhasach luath. bha mi a' tuigsinn nan daoine à leòdhas nas fheàrr! :o

chunnaic mi mòran leahraichean ùra inntinneach aig comhairle nan leabhraichean, ach chan eil airgead sam bith agam an-dràsda... uill, tha, ach feumaidh mi e airson rudan eile, nas cudthromaiche. am bu toigh le cuideigin leabhar gàidhlig a thoirt thugam mar tiodhlac nollaige? ;D hehe...

obh obh, feumaidh mi obair rud beag an-dràsda.
mona