taighean brèagha

chaidh sinn air cuairt beag tro roinn àlainn inntinneach anns a' bhaile seo an-diugh. 's e seo am "briller viertel", le mòran taighean "art noveau" agus "wilhelminian style", bho deireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh. chuala mi nach eil baile eile anns a' ghearmailt le tuilleadh taighean anns an dòigh seo, anns an aon àite cho faisg air chèile. anns na bailtean mòra chaidh mòran taighean aosda a bhriseadh anns an dàrna cogaidh, agus anns na bailtean beaga, cha robh mòran daoine cho beartach ann a thog taighean-baile mar sin.
bha gnìomhachas clò pailt anns a' bhaile seo gu math tràth, agus dh' fhàs gnìomhachas cemiceach an uair sin. mar sin bha gu leòr daoine beartach aig an robh na gnìomhachasan mòra, agus thog iad taighean mòra brèagha cuideachd.
thogadh tè ainmeil anns a' phàirt ud dhen bhaile cuideachd: else lasker-schüler, 's e ban-bhàrd iùdhach a bh' innte.

seo cuid dhealbhan a thog mi an-diugh.
mona