deireadh-seachdaine gàidhlig

Bha deireadh-seachdaine làn Gàidhlig againn. Bha bùth-obrach ann aig Mìcheal ann am Bonn, agus bha daoine laghach le deagh Ghàidhlig ann. Rinn sinn mòran rudan inntinneach agus bha spòrs mòr againn cuideachd.
Ràinig mi gu math anmoch Di-Sathairne, o chionn 's gun robh mòran sneachda anns a' bhaile agam, agus cha robh na trèanaichean a' ruith gu ceart idir. Nuair a ràinig mi an sgoil aig Mìcheal, thachair mi ri càch a bha dìreach a' dol a dh' fhaighinn dìnear anns a' chafaidh. Bha biadh fìor bhlàsda againn, dh' ith mi brot glè mhath.

An uair sin leugh sinn pìos bàrdachd glè bhrèagha anns a' chùrsa, mu bhan-rìghinn nan ròn. Bha sinn ag obair le teacsan mu chòcaireachd cuideachd, bha sin gu math èibhinn - ged nach eil mi uabhasach measail air giomach agus biadh na mara eile, feumaidh mi ràdh. 'San fheasgar, as-dèidh a' chùrsa, bha rud inntinneach eile ann: "Oidhche Albannach" faisg air Aachen, le film Gàidhlig agus cuirm-ciùil, agus rudan eile - gu h-àraidh uisge-beatha, mar a chunnaic sinn. Bha mi ag iarraidh dol ann, o chionn 's gu bheil am film "Is mise an teanga" a' còrdadh gu mòr rium. Choimhead mi air a' chiad turas aig Fèis nam Filmichean Gàidhlig ann am Bonn an-uiridh. Anns am film seo, chuala mi an dàn "O ghrunnd na mara" le Kevin MacNeil a' chiad turas, agus sin an dàn a thug orm feuchainn ri bàrdachd Gàidhlig a sgrìobhadh cuideachd...

Mar sin, chaidh mi a Würselen còmhla ri Mìcheal, agus rinn sinn "bùth" bheag leabhraichean ri taobh na bùth mòooor uisge-beatha. Bha an àite gu math trang (uill, cha robh aig a' bhùth againne...), agus bha na daoine a chur am Fèis seo air dòigh uabhasach toilichte, tha mi a' smaoineachadh. Thàinig a' mhòr-chuid de na daoine airson uisge-beatha fheuchainn, agus bha mòran daoine neònach ri fhaicinn, Gearmailtich le aodach cho Albannach, nas Albannaiche na na Albannaich fhèin, haha... Ach bha daoine gu leòr anns an taigh-dhealbh nuair a bha am film ann cuideachd.

Ach is bochd gun robh iad air am film a ghiorradh. Bha cuid de na rudan a bha mi a' feitheamh riutha air chall. Chan eil mi buileach cinnteach a-nis an robh "O ghrunnd na mara" ann idir? Ach tha mi gu math cinnteach gun cuala mi e... mus leugh mi e anns an Leabhar Mòr. Agus bha rudeigin anns am film mun daoine a rinn am pìos ealain ris an dàn seo, rudeigin le filmean (photo films, na rudan dubha a chuireas tu ann an camara ;) ) fon uisge...
Feumaidh mi am film seo a cheannachd, tha mi a' smaoineachadh (bha mi glè thoilichte a chluinntinn gu bheil e ri cheannachd!).

As-dèidh a h-uile rud, chuir Mìcheal dhan stèisean mhòr ann an Köln mi - tapadh leat, a Mhìcheil! - agus bha dùil agam gum bitheadh trèana gu Wuppertal ann aig còig mionaid gu meadhan-oidhche. Ach thuirt iad gum bitheadh an trèana 10 mionaid fadalach. An uair sin thuirt iad gum bitheadh e 20 mionaid fadalach. Agus an-dèidh 20 mionaid thuirt iad nach bitheadh e ann idir. Feumaidh gun robh an trèana air chall ann an toll ùine eadar Brühl agus Köln... (àiteigin timcheall air Hürth-Kalscheuren, is dòcha...). Bha aig a h-uile duine feitheamh rish an trèana aig còig mionaid gu uair, agus bha mi aig an taigh mu dhà uair. Mar sin bha mi gu math sgìth nuair a dh' èirigh mi 'sa mhadainn an-diugh, agus chaidh mi gu Bonn a-rithist.
Ach bha an cùrsa glè mhath agus bha mi toilichte gun robh mi ann. Dh' innis Janni an sgeul mu MhacCodrum nan Ròn, agus bha sin dìreach sgoinneil. Choimhead sinn air film beag snog cuideachd, "Foighdinn".
Agus mu dheireadh thall chaidh sinn dhan bhaile agus choimhead sinn air togalaichean / àitean inntinneach, agus an uair sin dh' òl sinn fìon teth còmhla aig fèill na Nollaige. Bha mi gu math sgìth air an t-slighe dhachaigh, agus bha mi nam chadal air an trèana.
Tha sneachda gu leòr againn an-seo fhathast. Cuiridh mi cuid dhealbhan suas.


mona

6 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

A bheil an sneachd agad fhathast Mhona? Bha e a’ cuir ann a sheo ach tha e air falbh a-nis ach saoilidh mi nach bi e fada às agus gum be sinn a’ faicinn tuilleadh a dh’ aithghearr. Tha e uabhasach math a bhith faicinn nam dealbh ann an ‘Tìr nam blòg’ far a bheil sneachd ann, nach eil?

Obh, gu dearbh
tha an duilleag dearg! :-)

3:37 nachm.  
sgrìobh... Blogger Cadalach

Tha sneachd againn ann am Manchester an diugh cuideachd, mu dhà òirleach, ach tha e a' falbh a-nis. Saoilidh mi nach bi e ann fhathast sa' mhadainn.

4:29 nachm.  
sgrìobh... Blogger Seonachan

Tha e coltach gun d'fhuair sinn uile sneachd! Mmmmmmmmmmmmm, glühwein.

6:38 nachm.  
sgrìobh... Blogger mona

glühwein gu dearbh! ;-) bha sin againn aig an deireadh-seachdaine. ach feumaidh mi ràdh nach eil an glühwein a gheibhear aig na fèillean nollaige anns na bailtean uabhasach math. nì iad e le fìon dona, agus cha chuir iad ann ach an rud spiosrach à pacaid bheag a gheibhear 'san supermarket.
tha dùil againn fìon teth sònraichte a dhèanamh air ar son fhèin an ath dheireadh-seachdaine, le fìon math agus spiosraidh cheart.

tha mòran sneachda ann fhathast, agus tha an suidheachadh gu math dona ann an sgìrean eile anns an dùthaich seo, innsidh mi dhuibh a-màireach, is dòcha.
mona

11:04 nachm.  
sgrìobh... Blogger mona

Der Kommentar wurde von einem Blog-Administrator entfernt.

11:06 nachm.  
sgrìobh... Blogger Flùr

Ach chan eil sneachd againn idir ann an Almaty! Fhathast, co-dhiù...

'S toil leam an duilleag dhearg agaibh, tha i a'coimhead nas fheàrr! :)

2:53 nachm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog