cianalas... no rudeigin

tha mi ag iarraidh siubhal... dol air saor-laithean do h-àitean inntinneach anns nach robh mi riamh... na laithean seo tha mi a' smaoineachadh mu rudan mar seo gu math tric, a' coimhead air làraich-lìn fiosrachaidh mu dùthchanan anns a bheil ùidh agam, mar eisimpleir nirribhidh, innis tile, lietuva, a' ghrionnlainn... tha mi ag ionnsachadh na cànanan aca, no tha mi a' feuchainn co-dhiù agus bu toigh leam dol ann airson bruidhinn ri daoine... ach chan eil airgead gu leòr agam idir agus tha mi beagan brònach nach urrainn dhomh dol ann a dh' aithghearr idir idir. carson a tha na dùthchanan as toigh leam cho daor? :(

3 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Tha fhios agam, tha mise daonnan ag ionndrainn nam beann àrd den Fhraing faisg air na crìochan leis an Eadailt agus an Eilbheis (valée de Chamonix) agus an (Parco Nazionale Gran Paradiso) anns an Eadailt ì-fhèin. Uill tha mi an dòchas greis a chur seachad anns a’ Bhreatainn Bhig aig an thoiseach 2007 – ma dh’ fhaoidhte bidh cothrom agam a’ dol a-null dhan taobh sin. Gu ruige sin ge-tà, tha mi air cànan a’ Bhreatainn Bhig thòiseachadh a dh’ ionnsachadh. Tha daonnan rudeigin air fàire Mhona, bhiodh cuisean fada na bu mhiosa gun an eadar-lìn nach eil?

10:49 AM  
sgrìobh... Blogger mona

oh, tha thu ceart, a ghraisg :)

ceart ma-tha, tha thu ag ionnsachadh breatainnis! glè mhath. thòisich mi sin aig an oilthigh cuideachd - tha fear againn a tha às a' bhreatainn bhig - ach cha robh tìde gu leòr agam, agus cus cànanan agam co-dhiù :)
ach tha mi cinnteach gur e cànan brèagha a th' ann. an tòisich thu blog 'sa bhreatainnis ma-tha?

2:08 PM  
sgrìobh... Blogger Flùr

A Ghraisg, a bheil thu ag ionnsachadh breatainnis? Gu dearbh?!

7:52 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog