cadal a' gheamhraidh :)

abair deireadh-seachdaine! bha mi air an eadar-lìon gu math fada a-raoir, a' feuchainn rudan leis na blogaichean an-seo agus a' rannsachadh blogaichean eile aig an làrach-lìn seo (uabhasach inntinneach!)
mu dheireadh thall chaidh mi dhan leabaidh mu 2 uairean 'sa mhadainn, agus cha do dhùisg mi gu leth uair an-dèidh 11 :) an uair sin bha mi dìreach a' smaoineachadh dè nì mi leis an latha, nuair a chuala mi am fòn. 's e mo chèile a bha ann, bhon oifis, agus ag innse dhomh gun do chuir a phàrantan fios thuige gun robh iad a' tighinn a chèilidh oirnn - a-nis! :o bha iad ag iarraidh dol do fèill nollaige anns a' bhaile againn. haha. chan fhiach am fèill nollaige againn draibheadh uair a thìde... ach tha sròn gu math fada aig màthair mo chèile, agus bha fios aice gun do cheannaich sinn àirneis taighe ùr as t-fhoghar agus dh' atharraich sinn na seòmraichean, agus gun teagamh bha i ag iarraidh a h-uile rud fhaicinn, ged a thuirt mi rithe turas no dhà nach eil e deiseil fhathast idir agus bhitheadh nàire orm nan tigeadh iad o chionn 's gu bheil mòran sgudal ann fhathast.
uill, tha iad a' fuireach mu 100 km air falbh bhuainn, mar sin bha mu uair a thìde againn... ;) ghabh mi fras gu luath agus choimhead mi mun cuairt nan seòmraichean agus dh' fheuch mi ris na rudan as cudthromaiche a sgioblachadh, hehe. thàinig mo chèile agus thuirt e: och, bidh sin ceart gu leòr, tha iad eòlach oirnn gu math co-dhiù :)
thàinig iad ma-tha, agus chaidh sinn sìos dhan bhaile an toiseach. bha sin snog gu leòr. chan eil am fèill nollaig cho uabhasach math, ach choimhead sinn air na rudan anns na bùithean agus dh' ith sinn rud beag an-siud is an-seo agus bha spòrs againn. cha robh am baile ro làn. dh' innis màthair mo chèile gun robh meadhan bhaile köln dùinte leis a' phoileas an-dè o chionn 's gun robh cus dhaoine ann. cha bhi mi a' tuigsinn sin a-riamh, carson a hitheas iad uile a' ruith dha na bailtean mòra gach di-sathairne ro nollaig. dìreach craicte.
co-dhiù, chaidh sinne dhachaigh an uair sin agus bha sinn nar suidhe còmhla greis fhathast, agus bha sin gu math snog. chòrd an seòmar-suidhe ùr againn riutha, agus chan eil solas ann am pàirt eile an t-seòmair far a bheil an sgudal agam, hehe, mar sin cha robh mòran dheth ri fhaicinn.

a-nis, feumaidh mi rud beag a sgrìobhadh airson an oilthigh... agus tha mi ag èisdeachd ri clàr air leth math: "songs from the cold seas" le ceòl bho mòran dhùthchanan agus cultaran 'san tuath. tha òran gàidhlig ann cuideachd, "òran na maighdean mhara", air seinn le cathaidh anna nic a' phì. is dòcha gun innis mi tuilleadh mun chlàr seo uaireigin. is toigh leam gu mòr e.