dè nì mi airson cànan ùr a thuigsinn

sgrìobh flùr thugam gu bheil trioblaid aice na daoine air an radio a thuigsinn. bha mi a' smaoineachadh gur e cùspair cudthromach agus inntinneach a th' ann. 's e seo an rud as dorra air mo shon anns gach cànan ùr cuideachd. 's àbhaist dhomh an gràmar agus faclan ùra ionnsachadh bho leabhraichean gu math luath. is toigh leam leughadh agus sgrìobhadh rud beag, agus mar sin bidh na faclan nam cheann. bidh beagan trioblaid agam le fuaim no blàs a' chànan, agus bidh mi beagan diùid le bruidhinn, ach tha mi a' smaoineachadh nach eil sin cho dona. ach nuair a chluinneas mi daoine a' bruidhinn anns a' chànan ann an dòigh àbhaisteach, gu luath agus is dòcha le dual-chainnt air choreigin, cha tuig mi dad, agus bidh mi brònach no air mo shàrachadh. gu tric, ma tha daoine eòlach orm bho chòmhradh air an eadar-lìon, bidh iongnadh orra nach eil mi an tuigsinn gu math. mar eisimplir bha mi a' feuchainn skype còmhla ri nighean ann an lietuva/litauen/lithuania, agus bha sin dìreach tàmailteach.

ceart ma-tha, dè nithear mu dheidhinn sin? uill, gun teagamh tha e cudthromach agus feumail mòran obair a dhèanamh le stuth èisdeachd bhon toiseach. gu fortanach tha mòran ann air an eadar-lìon an latha an-diugh, fiù 's - no gu h-àraidh - ann an cànanan beaga mar gàidhlig no mìon-chànanan eile anns an roinn-eòrpa. agus tha na leabhraichean-teagasg as ùire uile le clàran (CDs). ach anns na clàran seo, 's àbhaist do na daoine a bhruidhinn gu math slaodach, agus ann an dòigh glè shoilleir. tha sin math airson luchd-toiseachaidh, ach fàsar cleachdte ris gu math luath cuideachd, agus mura bheil daoine timcheall ort a bhitheas a' bruidhinn an cànan ann an dòigh nàdurrach, bidh sin beagan cunnartach.

ach tha cothrom gu leòr ann airson na cluasan a "leasachadh". mar eisimpleir, ma tha stuth agad air pàipear AGUS air CD / tèip, 's e beachd math a tha ann obair leis ann an dòighean eadar-dhealaichte. an toiseach, gun teagamh, bidh thu ag iarraidh fios dè tha dol ann, agus bidh thu a' leughadh. ach dè mu dheidhinn toiseachadh leis a' chuid èisdeachd? feuch cia mheud a bhitheas tu a' tuigsinn mus toir thu sùil air an rud sgrìobhte. an uair sin faodaidh tu leughadh agus èisdeachd aig an aon àm turas no dhà cuideachd, agus mu dheireadh thall, is dòcha, feuch ri èisdeachd a-mhàin a-rithist, agus cuir stad air as-dèidh gach seantans, agus feuch ri sgrìobhadh sìos na bha thu a' tuigsinn.

an-dèidh greis, anns gach cànan, bidh mi air mo shàrachadh le stuth-teagaisg, rudan a chaidh an dèanamh airson luchd-ionnsachaidh. tha mi ag iarraidh an cànan nàdurrach. tha leabhraichean cloinne glè mhath aig an ìre seo. cha bhi iad ro dhoirbh, bidh na cùspairean furasda, agus gu tric bidh dealbhan ann cuideachd, a' toirt taic airson an sgeul a thuigsinn. bidh na seantansan simplidh cuideachd, agus bidh faclan àbhaisteach ann - ach cha do thug an sgrìobhadair àire air gràmar airson luchd-ionnsachaidh. tha sin a' ciallachadh gum bi a h-ùile seòrsa gràmar ann, ann an dòigh nàdurrach. chan eil e coltach ris na leabhraichean-teagaisg, le mar eisimpleir leasan far am faighear teacsa le gnìomhairean anns an tràth caithte simplidh a-mhàin. chithear gnàthsan-cainnte àbhaisteach agus is dòcha cluich-faclan ann an leabhraichean cloinne cuideachd. mar sin, cha bhi iad daonnan uabhasach furasda, ach 's e dòigh math a th' annta airson ceum bho na leabhraichean-ionnsachaidh don "fìor chànan".
is bochd nach eil mòran stuth chloinne anns a' ghàidhlig ri faighinn air tèipichean no clàran. tha leabhraichean gu leòr ann, ach chan eil mòran rudan ri èisdeachd. nochd cuid rudan ùra aig comhairle nan leabhraichean ge-tà, mar eisimpleir "tearlag agus am bodach sneachd". agus bu toigh leam tèip eile a mholadh a gheibhear aig taigh na teud: "sgeulachd bhon ghlùin", air innse le crisdean dillon, ceithir sgeulachdan traidiseanta. tha leabhar beag agus tèip (no clàr a-nis?) ann, agus tha na sgeulachdan uabhasach àlainn, air innse ann an dòigh glè shnog.
leis an stuth seo, mar eisimpleir, b' urrainn don neach-ionnsachaidh èisdeachd cuid tursan an toiseach, gun coimhead air an teacsa idir. leis na rudan bho chomhairle nan leabhraichean dh' fhaodadh sibh an tèip a cheannachd an toiseach, agus an leabhar turas eile cuid seachdainean as-dèidh sin ;-)
nam bheachd-sa 's e dòigh fìor mhath agus feumail a th' ann airson an comas èisdeachd a leasachadh.
dè ur beachdan? dè na dòighean eile a tha agaibh fhèin?

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

‘an uair sin faodaidh tu leughadh agus èisdeachd aig an aon àm turas no dhà cuideachd’, seadh thàinig adhartas orm san dòigh sin agus tha mi fhathast ag èisteachd agus a’ leughadh aig an aon àm: a-nis le CD’s agus an leabhar ‘Dacha mo Ghaol’, dìreach airson deagh bhlas gnàthsan-
cainnt fhaighinn. Tha thusa air a bhith trang a-rithist Mhona, tha pìos mòr eile de Ghàidhlig ri fhaighinn ann an ‘Tìr nam Blòg’ agus ‘s e deagh chuspair a th’ ann cuideachd. Tha Mona ceart Fhlùr, thig adhartas gu math luath ma chumas tu ort san aon dòigh.

10:25 AM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog