moladh radio

Ma tha sibh airson rudan uabhasach inntinneach agus èibhinn a chluinntinn, seo moladh dhuibh:
Bidh fios aig mòran dhiubh gu bheil "Èisd a-rithist" aig Radio nan Gaidheal. Faodar èisdeachd ri prògraman a bha ann an seachdain sa chaidh. Tha mòran ann agus mura bheil mòran tìde agibh, is dòcha nach bi sibh cho cinnteach dè bhitheas math no inntinneach do luchd-ionnsachaidh.
Feumaidh mise ràdh nach toigh leam cuid dè na daoine air an radio a bhitheas a' bruidhinn gu math luath, ann an dòigh "Beurlach", mar esimpleir anns na naidheachdan. Is fheàrr leam-sa èisdeachd ri daoine le deagh Ghàidhlig. Agus fhuair mi a-mach gu bheil rud snog ann aig deireadh a' phrògram "A' Mire ri Mòr".
Bidh i a' bruidhinn air a' fòn ri bodach no cailleach air choreigin gach latha. Mar as trice 's e seo seann dhaoine às na h-Eileanan, no seann dhaoine le Gàidhlig bhon ghlùin co-dhiù. Bidh iad a' cabadaich mu rudan àbhaisteach, is dòcha mu cheòl, no mun bheatha aig na daoine.
Chan eil e daonnan uabhasach math ri thuigsinn, o chionn 's gu bheil blàs no dual-chainnt sònraichte aca. Ach gu tric bidh iad a' bruidhinn gu math slaodach, oir chan eil iad cleachdte ri bruidhinn air an radio, agus bidh iad a' smaoineachadh mu dè tha iad ag iarraidh a ràdh. (Tha dòigh bruidhinn nas slaodaiche aig daoine aosda co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh.)
Agus chan eil na cùspairen ro dhoirbh, tha sin feumail do luchd-ionnsachaidh cuideachd, agus cha bhi e ro fhada, dìreach 10 mionaid no rud mar sin. Agus tha mi dìreach a' smaoineachadh gur e cothrom uabhasach math a th' ann Gàidhlig nàdurrach a chluinntinn.
Tha e beagan doirbh sin a lorg anns a' phrògram: tha dà dhòigh ann. Faodaidh sibh dìreach èisdeachd ris a h-uile rud, agus bidh e anns na 10 mionaid mu dheireadh (tha am prògram mu 80 mionaid gu lèir).
Mura bheil tìde no ùidh agaibh, faodaidh sibh "leum" air adhart. Chan urrainn ach leum 5 no 15 mionaid air adhart, agus cha bhi sin ag obrachadh ach gu deireadh a' chiad uair a thìde. An uair sin tha "gearradh" anns a' phrògram, o chionns gun robh na naidheachdan ann agus thilg iad sin a-mach airson "Èisd a-rithist". As-dèidh a' ghearraidh sin bidh am prògram a' ruith air adhart mar a bha e, agus faodar "leum" 5 mionaid air adhart a-rithist, ach feumaidh sibh a bhith faiceallach an uair sin o chionn 's gun tig an agallamh leis an tè no fear aosda a dh' aithghearr.

Is toigh leam gu mòr sin, agus tha mi an dòchas gu bheil sibh a' tuigsinn a' mhìneachaidh seo agus gun còrd e ruibh cuideachd. Ma thogras sibh, innsibh dhomh an do dh' èisd sibh ris agus ciamar a bha e a' còrdadh ruibh.

5 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

RNG, gu dearbh tha thu ceart Mhona, cha bhithinn às aonais!

7:25 PM  
sgrìobh... Blogger Flùr

'S toil leam a bhith ag èisteachd ri "A'mire ri Mòr", ach gu mi-fhortanach chan eil mi a'tuigsinn mòran ann. :( Ach 's toil leam an ceòl, co-dhiù. :)

7:32 PM  
sgrìobh... Blogger mona

eòsaph: ceart, 's e "strì gu sìth" a tha thu a' ciallachadh, am prògram mun chogaidh. dh' èisd mi ri pìosan dheth cuideachd agus bha e inntinneach gu leòr. bidh prògraman gu leòr mun chogaidh air an telebhisean no radio an-seo anns a' ghearmailt, agus uaireannan bidh mi seachd sgìth dhiubh, ach tha e inntinneach sealladh eadar-dhealaichte fhaighinn tro prògram bho dùthaich eile.

a ghraisg: tha mi cho toilichte gu bheil an eadar-lìon ann, agus làrach-lìn na BhBC :)

fhlùr: na gabh dragh, bidh thu a' tuigsinn tuilleadh is tuilleadh... an do dh' fheuch thu an "litir do luchd-ionnsachaidh"? no uaireannan tha "aileag" snog cuideachd, bidh clann a' bruidhinn.
mona

8:31 AM  
sgrìobh... Blogger Flùr

Tha mi a'tuigsinn gach facal ann an "Litir do Luchd-Ionnsachaidh" ach chan eil mi a'tuigsinn na Gàidhlig air an rèidio idir :(

7:39 PM  
sgrìobh... Blogger mona

och, fhlùr, bha mi coltach ri sin cuideachd! na gabh dragh idir! tha sin ceart gu leòr. chan eil thu ach ag ionnsachadh bliadhna. dìreach èisd ris an radio rud beag an-siud is an-seo, no ri ceòl gàidhlig, no ri sgeulachdan air tèip no CD, fiù 's mura bheil thu a' tuigsinn dad sam bith, ach bidh do chluasan a' fàs cleachdte ri fuaim a' chànain.
chan eil iongantach idir nach eil thu a' tuigsinn mòran, oir chan eil thu cleachdte ri gàidhlig a bhruidhinn agus èisdeachd ri daoine eile ann an còmhradh furasda. mar sin, tha an radio gu math doirbh. ach chì thu gum bi thu a' fàs nas fheàrr is nas fheàrr :)

11:46 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog