grrr

tha mi air mo shàrachadh! tha mi ag iarraidh rudeigin atharrachadh leis na fo-sgrìobhadhan, tha "air sgrìobhadh le mona AT..." ann agus tha mi ag iarraidh "air sgrìobhadh le mona AIG..." - agus chuir mi sin anns an template agus chan eil e ann. hmmm. an aon rud le "freagairtean", tha mi ag iarraidh "freagairt(ean)", bidh sin nas fheàrr leis an àireamh 1. carson nach eil e ann?? gah, tha mi ro ghòrach :-(

ach naidheachd eile, tha blog lietuviškas agam a-nis :-) an rud a tha èibhinn, anns a' chànan sin cuiridh iad rud mar "-as" no "-is" do fhaclan cèin, gum bi iad freagarrach airson a' ghràmar aca, ach tha "blogas" a' ciallachadh "dona" :o
mar sin, chan eil mi cinnteach fhathast ciamar a chanas mi "blog" gu ceart anns a' chànan sin. agus cha do lorg mi daoine à lietuva anns a' bhlogosphere gu ruige seo idir :-(

3 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Cuir dhan taobh eile den àireamh e :-) Mar sin bhiodh ‘0’ no àireamh sam bith eile a dhèanamh ciall. Freagairtean: 0 Freagairtean 1, 784, 893 ‘S e ‘junk blog’ a dhith ort airson deuchainnean, ‘s e deagh spòrs a th’ ann an sin. Mar sin ‘s urrainn dhut a dhol a-steach an template gun cunnart sam bith gus am bi thu deiseil agus eòlach air ciamar a tha cuisean ag obrachadh gu ceart.

10:27 PM  
sgrìobh... Blogger mona

och, tapadh leat a ghraisg chòir, tha e ag obrachadh a-nis co-dhiù :) ach deagh bheachd a th' ann cuideachd an àireamh a chur air an taobh eile.
seo rud gu math inntinneach nam bheachd-sa... an "creativity" a tha luchd na gàidhlig a' cleachdadh air an eadar-lìon, far a bheil a h-uile rud fo smachd nan cànanan mòra.
mona

11:04 PM  
sgrìobh... Blogger Flùr

Meal do naidheachd a Mhona :-) Tha e inntinneach gu bheil blog lithuanian agad a-nis! :-) Agus ged nach urrainn dhomh an cànan sin a leughadh, tha mi a'smaoineachadh gu bheil do bhlog snog('s toil leam na dathan,co-dhiù :-)) Chan eil do bhlog "blogas" idir ;-) .

2:36 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog