thòisich na bruadaran a-rithist...

canaidh sinn "rauhnächte" ris na 12 no 13 oidhchean an-dèidh meadhan a' gheamhraidh (no an-dèidh na nollaige, a-rèir beus crìosdail). 's iad oidhchean làn dhraoidheachd. anns na seann laithean, chuir fear an taighe beannachd air a' chrodh anns an àm seo, agus cha robh e ceadaichte obair nighe no snìomh a dhèanamh. bha na daoine a' smaoineachadh gun robh an "wilde jagd" a-muigh, tha seo beagan coltach ri oidhche shamhna anns a' ghaidhealtachd: bidh dorsan dhan t-saoghal eile fosgailte, bidh na marbh a' tighinn dhan t-saoghal againne, bidh "frau holle", a tha co-cheangailte ri seann mna-dìa mar "holda" no "hel", a' coiseachd faisg air na bailtean còmhla ri spioraidean na cloinne marbh, agus is urrainn do na beathaichean bruidhinn, gum bi na daoine gan tuigsinn, agus is dòcha gum bi iad ag innse rudeigin mun àm ri teachd.

dhomh-fhìn tha na bruadaran as cudthromaiche... tòisichidh iad gach bliadhna mun àm seo... cha bhi mi riamh cinnteach dè an latha, ach thig iad, agus bidh iad ann airson seachdain no nas fhaide, gach oidhche nam chadal... bruadaran làidir, soilleir, neònach, àlainn, eagallach, annasach, troimhe-chèile... mar nach eil iad riamh aig àm eile dhen bhliadhna. feumaidh mi a bhi faiceallach nach dìonchuimhnich mi iad ro luath 'sa mhadainn, oir uaireannan innsidh iad dhomh rudan gu math inntinneach - mu mo dheidhinn, mun t-suidheachadh anns a bheil mi, mun bheatha agam, mu cheistean a bha mi a' cur air falach ann an oisean m' inntinn...
chan innis mi dè bha annta a-raoir agus an oidhche roimhe, ach tha mi toilichte gu bheil iad ann.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger mona

seadh, tha thu ceart... nam bheachd-sa tha mòran rudan a' tighinn às an inntinn againn fhèin, ach tha tobraichean eile nas doimhne ann cuideachd... agus is urrainn dhuinn ceangal a dhèanamh uaireannan do chuimhne nas sine na againn fhèin... agus thig rudan cudthromach thugainn an-sin.
uuh, uill, 's e nighean neònach paganach a th' annam co-dhiù ;)

12:39 PM  
sgrìobh... Blogger Slèite

Tha bruadairean iongantach agam cuideachd na làithean seo. Chan eil iad uile snog idir agus tha feadhainn ann nach eil a' toirt ciall sam bith dhomh. Ach chì sinn. 'S dòcha gum faigh mi a-mach dè tha iad a' ciallachadh anns na miosan sa tighinn.

3:20 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog