MONA ann an gleann a' cheò
Fàilte don leabhar-latha agam :) 's e leth-Albannach, leth-Ghearmailteach a th' annam, rugadh mi 'san Damhair 1976 agus tha mi nam oileanach (cànanan Ceilteach, cànanan + cultaran Lochlannach, eachdraidh chànanan innseach-eòrpach agus seann eachdraidh/arc-eòlas) aig an oilthigh ann am Bonn. Tha gaol agam air na h-Eileanan Siar agus air a' Ghàidhlig :) agus tha ùidh agam ann am mòran chànanan agus rudan eile agus is toigh leam cabadaich air an eadar-lìon...
4 freagairt(ean)
Nach eil sneachd ann idir? ;-)
oh, chan eil an-dràsda, gu mi-fhortanach. tha e ro bhlàth.
tha e coltach gu robh e dorcha gu math, nach eil? Cha chreid mi gu bheil mòran sneachda ann càit a bheil Mona a'fuireach. Tha e nas blaithe na sgìrean eile san Ghearmailt.
och, tha e fuar gu leòr an-seo... nas fhuaire na ann an köln no bonn mar eisimpleir... agus tha sneachda againn an-dràsda a-rithist. bidh sneachda anns a' bhaile seo agus timcheall air gu tric fad 's nach bi sneachda ann am bailtean eile idir.
:-P
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog