oidhche challainn :-)
tha mi an dòchas gum bi oidhche snog agaibh (le deoch gu leòr no na thogras sibh...) agus gun toisich bliadhna mhath ùr dhuibh! :-)
cha bhi mi-fhìn trang an-diugh, tha dùil agam rudan beaga a dhèanamh an-siud 's an-seo 'san taigh (tha sinn fhathast an sàs le àirneis ùr agus rudan a ghluasad mun cuairt...) agus 'san fheasgar coinnichidh sinn ri caraidean agus thèid sinn dhan taigh-dhealbh - bidh sinn a' coimhead air harry potter :-D an uair sin thèid sinn dhan taigh-seinnse èireannach/albannach agus gabhaidh sinn leann ubhal no tè bheag no dhà... :-)
slàinte mhath!
cha bhi mi-fhìn trang an-diugh, tha dùil agam rudan beaga a dhèanamh an-siud 's an-seo 'san taigh (tha sinn fhathast an sàs le àirneis ùr agus rudan a ghluasad mun cuairt...) agus 'san fheasgar coinnichidh sinn ri caraidean agus thèid sinn dhan taigh-dhealbh - bidh sinn a' coimhead air harry potter :-D an uair sin thèid sinn dhan taigh-seinnse èireannach/albannach agus gabhaidh sinn leann ubhal no tè bheag no dhà... :-)
slàinte mhath!
8 freagairt(ean)
A leithid cheudna dhut!
Uill tha a h-uile càil deiseil ann a sheo ach chan eil teoclaid air fhàgail. Gabh air do shocair Mhona!:-)
Bliadhna mhath ùr dhut cuideachd, a Mhona!!!
Bliadhna mhath ùr! An do chòrd HP ribh?
tapadh leibh, a charaidean!
chòrd, a chadalaich, chòrd e rium glan - ged nach do leugh mi na leabhraichean idir, agus chan eil mi air na filmichean eile fhaicinn nas motha... mar sin, bha cuid rudan beagan neònach no troimhe-chèile... ach is math dh' fhaoidte gun leugh mi iad uile a-nis. bha mi an còmhnaidh ag ràdh nach leugh mi iad gus an tig iad anns a' ghàidhlig.
Uill, nam bheachdsa, cha bhi sinn gan faicinn sa' Ghàidhlig a-riamh, ach tha mi coma. An aithne dhut na leabhraichean A Stuthan Dubha le Philip Pullman? Tha iad fada fada nas fheàrr na HP 's tha mi an dòchas gun cuir cuideigin Gàidhlig orra.
Co-dhiù, dé rinn Bodach na Nollaig den liosta agad? Fhuair mi na CDs de Dacha mo Ghaoil an dé 's tha iad uabhasach fhéin math. 'S fìor thoigh leam an dòigh anns a bheil Tormod MacGill-Eain a' leughadh a sgeulachd :-)
Tha mi duilich a Mhona, bha mi a' ciallachadh "a-chaoidh" an àite "a-riamh" :-(
chan eil mi eòlach air na leabhraichean aig philip pullman idir. an-dràsda tha mi a' leughadh an t-sreath "òran deigh is teine" a-rithist, le george r.r. martin, a bheil thu eòlach air na leabhraichean seo? tha iad gu math dorcha, ach inntinneach, "fantasy" glè mhath.
cha d' fhuair mi leabhar gàidhlig sam bith airson na nollaige, agus chan eil airgead agam an-dràsda idir. bu toigh leam na clàran (CDs) aig "Dacha mo Ghaoil" agus aig "Ath-Aithne" cuideachd, bhitheadh iad glè inntinneach is feumail. Uill, chì mi :-)
Chan eil mi eòlach air -- chan eil mi cho déidheil air leabhraichean fantasy, ach 's toigh leam na leabhraichean Discworld le Terry Pratchett. Thòisich mi Jonathan Strange 's Mghr Norrell le Susanna Clark san t-Sàmhain an uiridh agus, ged a tha e math, chan eil ùine agam an dràsda airson leughadh. Uill, chan eil sin buileach ceart, fhuair mi Na Speuclairean Dubha le Iain Mac a' Ghobhainn an t-seachdain seo chaidh 's bha mi ga leughadh Disathairne. Tha e glé fhurasda 's chan eil e ro fhada 's mar sin tha e a' còrdadh rium! :-)
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog