sàmhach

obh obh, cha do sgrìobh mi dad an-seo ùine fhada. chan eil fhios agam carson, chan eil mi cho uabhasach trang le rudan eile... leis an fhirinn innse, tha mi caran leisg na laithean seo :)
dh' èisd mi ri rud snog air radio nan gaidheal an-dè: bha còmhradh ann eadar ruairidh mac thòmais agus aonghas mac neacail anns a' phrògram "gun dèan mi rann". tha mi a' faicinn an-dràsda nach eil e ann fhathast, chuir iad prògram ùr ann. gu fortanach rinn mi... ooooh, cha do rinn mi dad, bhitheadh sin mi-riaghail, nach bitheadh? :P

tha bòrd ùr agam anns an t-seòmar agam (seadh, seòmar anns an taigh, agus bòrd fiodh, chan eil mi a' bruidhinn mu seòmraichean 'san eadar-lìon agus bòrd-bràth an-dràsda, hehe). nì mi dealbhan a dh' aithghearr, ach feumaidh mi mòran sgudal a sgioblachadh an toiseach. tha coltas snog air an seòmar suidhe againn a-nis cuideachd, ach tha an lus a bha agam air an sgeilp gu bhith marbh :( 's e gort a bh' ann, agus tha iad pàilt air a' bhalcon agam a-muigh, ach cha robh e gu math anns an t-seòmar idir. an toiseach bha eagal orm nach cuir mi uisge gu leòr air, ach an uair sin tha e coltach gun do chuir mi cus uisge air. chan eil mi math le flùraichean anns an taigh idir :(