tha mi ann an deagh shunnd

a bheil sibh eòlach air an làrach-lìn seo? http://www.mylanguageexchange.com 's e làrach air leth feumail a th' ann ma tha sibh a' lorg caraidean airson còmhradh ann an cànanan cèin air an eadar-lìon. bha mi air clàradh an-sin ùine fhada, ach an toiseach cha robh mi ag iarraidh airgead a phàigeadh. tha an làrach-lìn fhèin saor 'sa an-asgaidh, faodar clàradh is profile a dhèanamh, agus bidh sin ri fhaicinn airson daoine eile. ach ma tha thu fhèin airson sgrìobhadh ri daoine, feumaidh tu $6 a phàigheadh airson mìos. chan eil sin cho dona, agus faodaidh tu an seòladh post-d àbhaisteach agad a chur riutha an uair sin no seòladh skype no icq. ach bha mi daonnan ro leisg airson pàigheadh, oir chan eil càirt creidis agam agus b' fheudhar dhomh pàigheadh tro western union. ach o chionn goirid tha cunntas paypal agam agus chunnaic mi gur urrainn dhomh pàigheadh tron chunntas seo cuideachd. mar sin, tha mi nam bhall "òir" an-dràsda, agus an deireadh-seachdaine thòisich mi teachdaireachdan a sgrìobhadh gu mòoooran daoine. tha sin dìreach sgoinneil, tha daoine gu leòr ann a tha ag iarraidh an cuid ghearmailtis a chleachdadh no a leasachadh, agus tha cànanan aca a tha inntinneach dhomh-sa, mar lithuanian, nirribhis, innis tilis. lorg mi daoine a tha ag iarraidh gàidhlig ionnsachadh cuideachd, no mar eisimpleir daoine aig a bheil gàidhlig na h-èirinn agus tha iad airson gàidhlig albannach ionnsachadh cuideachd. sgrìobh cuid dhe na daoine air ais thugam mar-tha agus bha mi a' bruidhinn ri tè no dithis air icq.
ma tha ùidh aig cuideigin anns an rud seo, agus mura bheil sibh airson pàigheadh, seo beachd bhuam: sgrìobhaibh thugam ma lorgas sibh cuideigin air an làrach-lìn ud a tha inntinneach dhuibh. cuiridh mise teachdaireachd thuige no thuice ma-tha agus cuiridh mi an seòladh post-d no ainm skype agaibhse ann. 's urrainn dhomh 400 teachdaireachdan a chur 'sa mhìos seo airson nan $6 a phàigh mi, agus chan eil mise ag iarraidh 400 caraidean ;-)