an t-earrach anns a' ghàrradh beag agam
bha mi a' smaoineachadh gun robh iad marbh. a' chiad fear, 's e hopfen a th' ann (a bheil cuideigin eòlach air an t-ainm gàidhlig no beurla?), agus bha e uabhasach mòr an-uiridh, bha e a' sreap air fead a' bhalla. am fear eile, 's e sùbhag-craoibh a th' ann agus bha e sgoinneil an-uiridh cuideachd. nuair a cheannaich mi e bha e gu math beag - agus bha e sgrìobhte air a' phacaid gur e dris nan smeur dubha a th' ann. mar sin, bha mi a' feitheamh gum fàs iad dubh - ach an uair sin mhothaich mi gun robh iad glè bhlasda mar-tha nuair a bha iad dearg :-)
tha mi cho toilichte am faicinn beò a-rithist. tha mi an dòchas gum fàs iad gu math am bliadhna. chan eil rud cho brèagha ri beatha ùr a-muigh as t-earrach, a bheil?
1 freagairt(ean)
Hi Mhona,
Lus an leanna, Humulus Lupulus Hopfen, Hop, Houblon,
Am biodh an t-ainm ud aig duine sam bith eile ann an canain sam bith eile?
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog