port rìgh le sneachda





Chaidh mi sìos a Phort Rìgh an-dè, airson airgead fhaighinn (cha deach sin gu math) agus airson dol do na bùithean (chaidh sin nas fheàrr ;-)). Bha mi a' cabadaich greis leis an tè laghach ann am bùth SMO, agus bha mi a' coiseachd mun cuairt anns a' bhaile bheag sin air a bheil mi eòlach cho math... cha turas a thèid mi ann bidh mi a' faireachdainn mar gun tighinn dhachaigh - ged a tha àitean mòran nas àlainne, nas fhiadhaiche, nas aonranaiche anns na h-Eileanan... ach ann an dòigh, bidh mi daonnan ann an sunnd glè mhath ann am Port Rìgh, agus tha an cuimhne air laithean eile sunndach an còmhnaidh a' coiseachd ri mo thaobh mar thaibhse nuair a bhitheas mi ann, nam aonar gu tric, a' smaoineachadh air latha no eile nuair a bha mi ann le caraid air choireigin. Gah, tha mi ag innse rudan gòrach... ;-)
Bidh biadh ann a-nis, feumaidh mi dol ann, feuch am faigh mi rudeigin blàsda mus bidh e air falbh!

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Slèite

Tha sin gu tùr eadar-dhealaichte an-diugh, a Mhona.

Chaidh sinn tro Phort Righ an-diugh agus an uairsin choisich sinn tron chuithearaing mar a thuirt thu agus bha e brèagha gu dearbh. Tha beagan air a' bhlog agam.

11:15 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog