henry rollins // calanais stoned

a bheil sibh eòlach air an duine sin? 's e seinneadair a th' ann agus bha e an sàs le black flag (seòrsa punc) anns na 80ean agus le ceòl eile as-dèidh sin, sgrìobh e leabhraichean is rinn e filmichean cuideachd. 's e duine gu math inntinneach a th' ann, ach cha robh mi eòlach air cho math. tha cuid de na clàran aig mo chèile.
a-raoir bha henry rollins ann an köln, ach cha do chluich e consairt le ceòl - bha e air an ùrlàr na aonar, ag innse. seadh, a' bruidhinn gu bhith 3 uairean a thìde, ann an dòigh uabhasach inntinneach is tarraingeach. bhruidhinn e mu iomadh rudan, ann an dòigh annasach math - bho walmart agus fhàsach cultarach ann an aimeirigea, poileataigs an t-saoghail, gu siubhal air trèana transsiberian agus cur a-mach anns an taigh-bheag, no an uair sin dh' innis e mu na tursan aige ann an ospadalan anns na staitean aonaichte do shaighdearan a chaidh a ghoirteachadh ann an iraq... bha e a' gluasad eadar èibhinn is fiadhaich fad na h-ùine, tha e uabhasach math air atharrais air guthan no dual-chainnt a dhèanamh, is coltach gu bheil e a' toirt sùil mionaideach air an t-saoghal, a' faicinn cùisean mar a tha iad, uaireannan cruaidh, uaireannan iongantach.
cha do mhothaich mi mar a chaidh an ùine seachad. abair oidhche inntinneach! ma thig e don bhaile agaibh, rachaibh ann, fiù 's mura bheil sibh eòlach air an ceòl agaibh no fiùs mur a bheil sibh measail air punc is ròc, is fhiach e!

dh' innis janni mu "callanish stoned", dealbh-cluich a chunnaic i aig SMO. chunnaic mi-fhìn an duilleachan air an latha mu dheireadh agam ann an leòdhas - agus mhothaich mi gun robh e air a chluich na trì laithean roimhe - fad 's a bha mi ann - gach oidhche ann an steòrnabhagh. gaaaaaah. agus tha an dealbh-cluich air sgrìobhadh le kevin mac neacail, bàrd òg as toigh leam gu mòr! gaaaaaaah.

co-dhiù, tha an t-earrach a' tighinn an-seo, is a-màireach tilgidh mi a h-uile sgudal bhon bhalcon agam (hmm, an tilg mi dìreach sìos dhan lios e? ;-)) agus tha mi ag iarraidh flùraichean ùra a cheannachd ach tha e ro fhuar 'san oidhche fhathast. ach tha cuid lusan ann a tha beò fhathast as-dèidh a' gheamhraidh, feumaidh mi dìreach a h-uile rud a sgioblachadh is a ghlànadh.
bidh a' chaisg ann a dh' aithghearr agus bi co-latha breith aig a h-uile duine anns an teaghlach agam-sa is aig mo chèile. rugadh sinne fhèin a-mhàin air "taobh eile na bliadhna", mise 'san damhair, esan 'san dùbhlachd. gach bliadhna 'sa mhàirt is ghibhlean feumaidh sinn mòran gibhtean a cheannachd ;-)

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Bethany

Feasgar math, a Mhona! Chan eil mi air Henry Rollins fhaicinn (a' dèanamh "spoken word," mar a chanas sinn 'sa Bheurla) ach tha mi a' creidsinn cuideachd gur e duine glè gheur is inntinneach a th'ann. Tapadh leat airson an lèirmheas! Ma thig e air ais a Virginia a-rithist, thèid sinn ann. :)

11:07 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog