deireadh-seachdaine fada

tha mi fhathast a' faireachdainn mar gum bitheadh saor-laithean agam, ged a tha an semester ùr aig an oilthigh air toiseachadh. ach thòisich saor-laithean na caisge aig na sgoiltean aig an aon àm, agus tha sin a' ciallachadh nach eil mi ag obair mar as àbhaist. tha cuid sgoilearan agam, ach bidh mi ag obair leotha 'sa mhadainn, mar sin bidh mi saor gach latha bho mheadhan-latha.
cha dèan mi mòran aig an oilthigh an semester seo. tha clas inntinneach mu teacsan lagha seann ghàidhlig ann, agus bidh mi a' leantainn orm leis na cànanan eile gun teagamh. nàire orm, bu chòir dhomh mo chuid nirribhis agus innis tilis a leasachadh gu dearbh. tha leughadh ceart gu leòr, ach cha tuig mi facal ma tha cuideigin a' bruidhinn. chan eil sin math idir. thòisich mi fraingis ionnsachadh cuideachd - bha mi daonnan ag iarraidh gum bitheadh an cànan seo agam, ach cha robh mi ag iarraidh ionnsachadh. chan eil e doirbh idir, bidh mi a' tuigsinn gu bhith a h-uile rud ann an teacsa sgrìobhte àbhaisteach (bha 7 bliadhna dhe laidinn agam aig an sgoil, tha sin feumail gu dearbh), ach chan urrainn dhomh dad sam bith a ràdh 'sa fhraingis, agus cha bhi mi a' tuigsinn nan daoine nas motha. tha cuimhne agam air a' chiad turas (agus an aon turas) a bha mi ann am paris, bha sin cho eagallach... abair baile brèagha, ach cha robh na daoine comasach no deonach beurla a bhruidhinn agus bha mi a' faireachdainn dìreach air chall. oidhche a bha siud, thàinig uisge tro mhullach an t-seòmar anns an taigh-òsda againn agus cha mhòr nach b' urrainn dhomh mìneachadh don duine aig an reception dè tha dol agus am b' urrainn dha tighinn suas is coimhead air. feumaidh gun robh e a' smaoineachadh gun robh sinne - dithis nighean òga - ag iarraidh air tighinn dhan t-seòmar againn airson rudan neònach aig meadhan na h-oidhche.
co-dhiù... nach eil e iongantach gu bheil luchd-ionnsachaidh na gàidhlig às an fhraing a' nochdadh air a' bhòrd-bràth eadar-nàiseanta dìreach na laithean seo? abair cothrom math, feuchaidh mi ri beagan fhraingis is gàidhlig a bhruidhinn riutha.

bha dùil agam 's aig mo chèile coinneachadh ri caraidean an deireadh-seachdaine seo, ach tha mo chèile 'san leabaidh le cnatan no casadaich agus chan eil e math idir.
uill, deagh chothrom airson fuireach 'san taigh agus sgioblachadh a h-uile sgudal an-seo. is beag orm gu bheil mòran rudan an-seo fhathast a bha dùil agam an reic aig ebay no àiteigin, ach is coltach nach eil duine sam bith gan iarraidh. bu chòir dhomh an tilgeil dhan sgudal.

ceart ma-tha, gabhaidh mi fras a-nis agus thèid mi sìos dhan bhaile airson greis...
:-)
chunnaic mi brògan uabhasach brèagha ann an uinneig bùtha an seachdain seo, brògan samhraidh, uaine, agus tha dùil agam am feuchainn, feuch an tig iad rium. ach chan eil airgead agam co-dhiù, hehe.
mona

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Flùr

Halò a Mhona, bha e uabhasach inntinneach rudeigin ùr anns a'bhlog agad a leughadh a-rithist. Gur math a thèid leat leis na cànanan, gu h-àraidh le Frangais. Dhomhsa, ’s e cànan glè dhoirbh a th’ innte.
Agus tha mi an dòchas gum bi do chèile a’ faireachdainn nas fheàrr a dh’ aithghearr.

A Mhona, cuin a tha thu anns an t-seòmar-chòmhraidh? A h-uile turas a tha mi a’ dol ann, tha mi an-còmhnaidh nam aonar. ’S dòcha gum bi cothrom againn cabadaich a-rithist uaireigin? Agus tha Skype agam a-nis cuideachd.

1:00 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog