innis tilis

a bheil sibh airson beagan innis tilis ionnsachadh? is toigh leam gu mòr an cùrsa seo! tha e saor 's an asgaidh agus tha e dìreach sgoinneil, dèanta ann an dòigh shunndach, ghlic, sgiobalta - tha an dreach dìreach beagan troimhe-chèile an toiseach, cha robh mi cho cinnteach ciamar a thèid mi tro na leasanan, ach tha sin ceart gu leòr a-nis (tha aonadan ann agus leasanan anns gach aonad, agus duilleagan anns gach leasan, agus tha uinneagan beaga le còmhradh anns gach duilleag, obh obh ;-)). co-dhiù, faodar èisdeachd ris a h-uile rud agus chan eil ach beagan mìneachadh gràmàir ann, tha sin dìreach math dhomh-sa, oir tha gràmar gu leòr anns na leabhraichean agam. is toigh leam èisdeachd ris na còmhraidh agus is toigh leam na geamaichean beaga a chluich cuideachd. tha sin dìreach feumail airson beagan mionaidean aig an obair :-)

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Iris

hehe I don't understand anything :p But hey I added you on both MSN and skype so I hope to hear from you soon :)

5:01 nachm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog