aimsir neònach

Tàirneanach is dealanach 'sa mhadainn! Abair toiseach seachdaine ;-) Gah, cha toigh leam dol dhan oilthigh ann an sìde mar sin, ach co-dhiù... Bha mi gu math toilichte leis an deireadh-seachdaine, cha robh mi ro thrang, ach rinn mi rud feumail no dhà airson an oilthigh agus bha sinn a' coiseachd cuideachd...
An seachdain 'sa chaidh bha òraidean inntinneach ann aig an oilthigh, ghabh an t-ollamh Anders Ahlquist òraid air deasachadh teacsan Seann Ghàidhlig Di-Ardaoin, agus bha buth-obrach le òraidean eile air deasachadh teacsan bho na Meadhan Aoisean ann Di-Sathairne. Bha sin èibhinn, cha robh ach triùir oileanach ann, ged a bha ollaimh à iomadh roinn a' bruidhinn, agus an triùir againn uile às an roinn Ceiltis. Feumaidh gun robh an t-ollamh againne caran pròiseil, bhitheadh e a' bruidhinn ruinn gu tric eadar nan òraidean, agus ann an dòigh gu math laghach nach àbhaist dha, haha.
Och, nach feumail a tha a' Ghàidhlig airson gobaireachd ;-)