dùrachdan à eivissa :-)

tha mi a´sgrìobhadh thugaibh a-nochd bhon eilean seo anns a´mhuir mheadhanach. bidh mi an-seo gu di-domhnaich còmhla ri mo chèile a tha an-seo airson coinneamh le daoine bhon chompanaidh.
bha dùil agam gum bitheadh e gu math grianach is blàth an-seo, ach nuair a ràinig sinn bha an t-eilean fo sgòth, agus beagan uisge ann. an-dràsda san fheasgar tha a´mhuir glas is fiadhaich, na tonnan a´ruith mar eich gheala... cho brèagha! :-)
grrr, chan eil an coimpiutair seo uabhasach math. sgrìobhaidh mi tuilleadh a-màireach.

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Beathag

Uisge ann no às, tha farmad agam riut! :) Bidh deagh spòrs agad.

12:14 vorm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog