TOOL

Woohoo, bha sinn aig cuirm-ciùil sgoinneil a-raoir, choimhead sinn air TOOL a' cluich ann an Düsseldorf. Seo comhlann ròc uabhasach inntinneach, is toigh leam gu mòr iad, agus tha mo chèile uabhasach measail orra. Tha iad gun samhail, chan eil e furasda mìneachadh dè an seòrsa ciùil a nì iad. Tha e làidir is domhainn is fiadhaich. Is toigh leam gu h-àraidh an album "Lateralus" aca, ach tha am fear ùr "10.000 days" glè mhath cuideachd.
Bha an consairt math dha-riribh, ged a bha e beagan goirid! Bha na ticeadan gu math daor aig 38 € no rudeigin, agus cha do chluich iad ach ach uair gu leth a thìde, mas math mo chuimhne. Ach bha sin fìor mhath. Bha mòran charaidean againn ann cuideachd agus bha sinn uile ann an deagh shunnd. 'S ann anns a' Philipshalle a bha an cuirm-ciùil, agus mar a bhitheas fios aig cuid, tha e gu math mòr, agus bha e loma-làn. Bha mìltean daoine ann.
Is toigh leam gu h-àraidh an duine a tha a' cluich nan drumaichean aca, Danny Carey. Tha e uabhasach math, agus tha dòigh shònraichte aige, bidh e a' cleachdadh rudan mar tablas (drumaichean innseach) còmhla ris na drumaichean àbhaisteach. Agus tha e àlainn, hehe... uill, ann an dòigh co-dhiù.

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cadalach

Dé do bheachd air A Perfect Circle ma tha? An toigh leat iad?

8:15 nachm.  
sgrìobh... Blogger mona

Hmm, cha robh mi ag èisdeachd riutha gu tric. Chan eil iad cho math ri Tool, nam bheachd-sa.

9:38 nachm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog