sealladh grod


Thèid taigh ùr a thogal air beulaibh an taigh againne air an taobh eile an rathaid. Tha sinn a' fuireach ann am meadhan a' bhaile, ach cha robh an sealladh cho dona roimhe. Cha robh taigh ann idir anns an àite sin, cha robh ann ach bothanan is garaidsean. A-nis, tha an taigh sin a' fàs agus a' fàs. Cha tig solas gu leòr a-steach dhan t-seòmar suidhe againn a-nis :-/
Agus tha sin beagan eagallach, tha an taigh ùr cho faisg air an taigh againn agus ma tha iad ag obair leis a' chrann-togalach bidh na rudan a' gluasad dìreach air mo bheulaibh (tha am bòrd agus an coimpiutair agam dìreach ri thaobh na h-uinneige).

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Cam

Mona bhochd! B'fheàrr leam craobhan fhaicinn, gu dearbh. 'S dòcha bidh thu a' faicinn rudan inntinneach anns an tògalach ùr.

;-)

11:40 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog