oidhcheannan ceò

~ ~ ~

Ann am beul-aithris Gearmailteach, 's e "Rauhnächte" no "Rauchnächte" an t-ainm a tha air na h-oidhcheannan eadar Meadhan a' Gheamhraidh no àm na Nollaige agus "Latha nan triùr rìghrean" (6mh an Fhaoillteach). Tha iomadh sgeulachdan agus beusan co-cheangailte ris na laithean seo, bidh Wodan agus an "sealg fiadhaich" a-muigh anns a' ghaoith, agus bidh na h-aislingean 'san oidhche ag innse rudan a thig anns a' bhliadhna ùir - tha dà oidhche dheug ann airson targradh a dhèanamh air gach mìos na bliadhna a' tighinn. Ach a-rèir beachd eile tha trì oidhcheannan deug ann... àireamh sònraichte agus draoidheil gun teagamh :)
Tha e inntinneach, nam bheachd-sa, gu bheil cuid dhean bheul-aithris agus de na seann chleachdaidhean co-cheangailte ris na h-oidhcheannan seo gu math coltach ri beul-aithris agus cleachdaidhean Gaidhealach aig Oidhche Shamhna. Cha robh e ceadaichte obair-taighe mar nighe no figheadaireachd no snìomh a dhèanamh anns na laithean seo, oir bhitheadh a' bhan-dhia (Percht no Holle no ainmean eile anns na sgìrean eadar-dhealaichte) feargach, agus cha chuireadh na daoine an n-aodach air nighe a-mach airson tioramadh idir idir, o chionn 's gun tigheadh bàs do na daoine aig a bheil an aodach sin... agus tha sgeulachdan ann a tha caran coltach ris na sgeulachdan mun "bhean-nighe" leis an aodach fhuilteach aig an abhainn.
Tha dorsan dhan t-Saoghal Eile fosgailte anns na h-oidhcheannan sin, 's urrainn dha na beathaichean bruidhinn, agus bidh na mairbh a' gluasad tro saoghal nam beò, an "sealg fiadhaich" còmhla ri Wodan no Percht.
Ma thèid nighean no boireannach nach eil pòsda do chrois rathaid anns na h-oidhcheannan seo, is dòcha gum faic i an duine a bhitheas aice uaireigin - ach is dòcha gun tèid a goid leis na taibhsean bhon t-saoghail eile!

1 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Der Wilderer

bliadhna mhath ur ; )

10:49 vorm.  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog