a' ghearmailt is am ball-coise ;-)

Bha mi nam shuidhe san oifis san fheasgar an-diugh fad 's a bha a' Ghearmailt a' cluich an-aghaidh Argentina, agus leis an fhìrinn bha mi gu math coma air a h-uile rud an toiseach, ach bha e gu math èibhinn an uair sin... 's e taigh mòr a th' ann agus tha an oifis air a' chiad làr agus mòran fhlat os chionn, agus gun teagamh bha na h-uinneagan uile fosgailte leis an deagh shìde a bh' ann, agus chuala mi na daoine ag èigheachd agus na h-innealan telebhisein gu h-àrd air feadh na taighe ;-)
Ach cha robh mòran a' dol an toiseach... feumaidh gun robh an dà sgioba rud beag leisg no chan eil fhios agam. Bha an oifis fhèin cho sàmhach, bha gu bhith a h-uile duine air falbh dhan taigh-seinnse airson coimhead air a' gheama an-sin. Bho àm gu àm ruith duine air choireigin seachad air an seòmar agam, agus mar sin chuala mi nach robh ach bàir aig gach sgioba airson ùine fhada...
Co-dhiù, mu 7 uairean rinn mi co-dhùnadh gun rachainn don bhùth airson biadh a cheannachd... abair deagh bheachd! Nuair a chaidh mi sìos bha an "ùine air barrachd" dìreach air toiseachadh, agus bha na sràidean gu tùr sàmhach, agus nuair a ràinig mi a' bhùth mhòr (as àbhaist a bhith uabhasach trang aig an àm sin dhen latha) cha robh duine sam bith ann, agus bha an luchd-obrach uile a' coimhead air telebhisean mòr ri taobh an dorais ;-)
Agus dìreach an-dèidh dhomh dol a-mach a-rithist - bha an geama crìochnaichte agus thòisich am fuaim, agus mar sin bha fios agam air a' bhuil.


An-dràsda fhèin tha am partaidh a' dol, tha iomadh daoine a' draibheadh mun cuairt a' bhaile le bratachan agus fuaim agus ann an deagh shunnd :-D Seo beagan dealbhan, chan eil iad uabhasach math leis a' chamara sgudalach agam, ach seo na tha a' dol mun cuairt na taighe agam an-dràsda (agus cha robh mi shìos ann am meadhan a' bhaile idir, ach tha fuaim mhòr a' tighinn a-nìos an-sin.


meadhan samhraidh

Bha mi nam shuidhe air a' bhalcon, ag òl fìon dearg à California agus a' faireachdainn cho toilichte is sunndach ann am blàths is samhchair ann oidhche. Nach iongantach gu bheil e cho blàth aig beul na h-oidhche? Is toigh leam oidhcheanan samhraidh... is beag orm teas meadhan latha, a' ghrian gheur, ach is toigh leam suidhe no coiseachd a-muigh san oidhche aig an àm seo dhen bhliadhna.
Cheannaich mi neòinean-grèine an-dè, tha e fhathast beag, agus tha mi an dòchas gum bi e a' faireachdainn gu sunndach air a' bhalcon agam cuideachd. Bha e beagan lag an-diugh ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil poit nas motha a dhìth air.
Chuir mi cearcall chlachan beaga air an làr agus thuirt mi hallò do bhan-dhia na h-oidhche. Is dòcha gu bheil an deoch orm a-nochd ach tha mi a' faireachdainn cho ciùin is sunndach is dòchasach :) Tha a h-uile rud a' fàs gu math an-dràsda. Beannachd oirbh :)

sealladh grod


Thèid taigh ùr a thogal air beulaibh an taigh againne air an taobh eile an rathaid. Tha sinn a' fuireach ann am meadhan a' bhaile, ach cha robh an sealladh cho dona roimhe. Cha robh taigh ann idir anns an àite sin, cha robh ann ach bothanan is garaidsean. A-nis, tha an taigh sin a' fàs agus a' fàs. Cha tig solas gu leòr a-steach dhan t-seòmar suidhe againn a-nis :-/
Agus tha sin beagan eagallach, tha an taigh ùr cho faisg air an taigh againn agus ma tha iad ag obair leis a' chrann-togalach bidh na rudan a' gluasad dìreach air mo bheulaibh (tha am bòrd agus an coimpiutair agam dìreach ri thaobh na h-uinneige).

teas

Gaaaaaaah... tha e cho blàth. Chan eil mi ag iarraidh gluasad idir :-/ Tha mi an dòchas nach màir e mar sin fada. Bu toigh leam a bhith anns na h-Eileanan Siar an-dràsda, aig a' chladach, anns a' ghaoith :-)

stad an gealaich?

Ciamar a chanas mi lunar standstill 'sa Ghàidhlig? ^^
Am faca sibh an gealach làn a-raoir? Bha e glè h-ìosal os cionn nan cnoc an-seo. Cha bhi e mar sin gu tric, cha bhi sin a' tachairt ach as-dèidh 18 bliadhna.

Chuala mi gum bi mòran daoine aig na tursachan Calanais an deireadh-seachdaine seo. Bidh an gealach os cionn Cailleach na Mointich (na beanntan a tha beagan coltach ri tè na laighe) agus bidh e glè fhaisg air na tursachan.
Bidh an gealach cho ìosal ann an oidhche no dhà eile am bliadhna. Agus an uair sin cha bhi a-rithist gu 2025.

Bha e glè mhòr agus soilleir agus làidir a-raoir. Cha robh cuimhne agam air an lunar standstill gus an-dè, ged a leugh mi mu dheidhinn sin roimhe agus bha fios agam gum bi e a' tachairt 2006. Ach dhìochuimhnich mi e a-rithist... An seachdain seo, ge-tà, bha mi a' faireachdainn gum bi an gealach làn a' tighinn uabhasach làidir, bha sunnd neònach toilichte orm (obh obh, nach mise a tha rud beag craicte ;-) ).
A-raoir bha sinn a' bruidhinn air a' chuspair sin aig cèilidh, agus an uair sin nuair a ràinig mi dhachaigh aig leth uair an-dèidh dà sa mhadainn chunnaic mi an gealach cho mhòr agus soilleir os cionn nan cnoc agus bha mi nam sheasamh an-sin airson greis, ag èisdeachd ri ceòl gu h-àrd air na headphones.

Leugh mi gum bi an gealach cho ìosal a-rithist aig 9mh/10mh latha an t-Iuchair, agus thèid mi a dh' Alba co-dhiù an 8mh. Tha mi a' smaoineachadh a-nis an tèid agam air dol a Leòdhais an deireadh-seachdaine sin. Ahahaha... obh obh, bhitheadh sin craicte gu dearbh, agus chan eil mi buileach cinnteach am bu toigh leam a bhith ann an Calanais còmhla ri mìltean daoine esoteric... hmm, ach bu toigh leam an gealach fhaicinn an-sin gu dearbh. Chì mi :-)

hahaha, ball-coise

Feumaidh gum bi sibh uile a' smaoineachadh gu bheil mi beagan neònach (ach uill, seallaibh air ainm na duilleige seo :-P ) - Cupa na Cruinne a' toiseachadh 'sa Ghearmailt an-diugh agus a' chiad geam seachad, agus chan eil dad ri leughadh an-seo ach sgeulachd mu chonsairt neònach...
Uill, a-rèir coltais bhuannaich a' Ghearmailt... agus tha an deoch air a h-uile duine. Leis an fhìrinn innse, tha mi gu math coma mu dheidhinn Cupa na Cruinne fhèin - ach is beag orm na mìltean daoine anns na bailtean agus air na trèanaichean, na daoine air mhisg, na daoine mi-mhodhail, fuaimneach, na stèiseanan loma-làn, salach, na trèanaichean fadalach, gaaaaah :-P Tha mi a' fuireach faisg air Cologne agus tha mòran daoine air tighinn an-sin, bidh cuid gheamaichean a' tachairt anns a' bhaile sin. Agus feumaidh mise dol troimhe dà no trì tursan 'san seachdain nuair a bhitheas mi a' siubhal dhan oilthigh ann am Bonn.

TOOL

Woohoo, bha sinn aig cuirm-ciùil sgoinneil a-raoir, choimhead sinn air TOOL a' cluich ann an Düsseldorf. Seo comhlann ròc uabhasach inntinneach, is toigh leam gu mòr iad, agus tha mo chèile uabhasach measail orra. Tha iad gun samhail, chan eil e furasda mìneachadh dè an seòrsa ciùil a nì iad. Tha e làidir is domhainn is fiadhaich. Is toigh leam gu h-àraidh an album "Lateralus" aca, ach tha am fear ùr "10.000 days" glè mhath cuideachd.
Bha an consairt math dha-riribh, ged a bha e beagan goirid! Bha na ticeadan gu math daor aig 38 € no rudeigin, agus cha do chluich iad ach ach uair gu leth a thìde, mas math mo chuimhne. Ach bha sin fìor mhath. Bha mòran charaidean againn ann cuideachd agus bha sinn uile ann an deagh shunnd. 'S ann anns a' Philipshalle a bha an cuirm-ciùil, agus mar a bhitheas fios aig cuid, tha e gu math mòr, agus bha e loma-làn. Bha mìltean daoine ann.
Is toigh leam gu h-àraidh an duine a tha a' cluich nan drumaichean aca, Danny Carey. Tha e uabhasach math, agus tha dòigh shònraichte aige, bidh e a' cleachdadh rudan mar tablas (drumaichean innseach) còmhla ris na drumaichean àbhaisteach. Agus tha e àlainn, hehe... uill, ann an dòigh co-dhiù.

dealbh gòrach ;-)