a' feitheamh ris a' ghaillinn...

Tha a' Ghearmailt às a rian... Thàinig an naidheachd an-dè 's a bhon-dè mar-tha, gun tigeadh stoirm mhòr a-nochd bhon Mhuir Lochlainn. Bidh sin cunnartach gu h-àraidh aig a' chladach agus anns na h-eileanan beaga air taobh tuath na Gearmailt, agus anns na beanntan cuideachd.
Seo an rabhadh oifigeal an-diugh:

Tha dearg a' ciallachd rabhadh aig ìre 2 agus pinc ìre 3 (as àirde). Tha mi a' tuigsinn gu bheil cunnart ann dha-rìribh aig a' chladach, bidh tuil mhòr ann a-nochd agus thathar ag ràdh nach bu chòir do na daoine dol a-mach a-nochd, agus tha fios agam bho caraidean ann an Hamburg gu bheil cead aca dol dhachaigh bhon obair aig meadhan-latha an-diugh... Chaidh sgoiltean agus cròileagan a dhùnadh cuideachd, agus chuir an Lufthansa stad air cuid itealain, agus chaidh rathaidean-iarainn a dhùnadh cuideachd o chionn 's gun do thuit craobhan air na rathaidean.

Ach anns an sgìre seo, chan eil e uabhasach stoirmeil fhathast. Co-dhiù, chuir dithis de na sgoilearan agam (clann ris an toir mi taic leis an obair-dhachaigh a.m.s.a.a.) fòn thugam nach tigeadh iad, oir bhitheadh sin "ro chunnartach". Deagh leisgeul, haha :p
Bha mi a' feitheamh ri sgoilear eile aig leth uair an-dèidh meadhan latha agus cha do nochd e, agus chuir a mhàthair fòn thugam o chionn beagan mhionaid airson innse dhomh gun robh e anns an sgoil nas fhaide (!) nas àbhaist dha - o chionn 's gun do rinn an sgoil co-dhùnadh gun dùin iad an sgoil agus gun cuir iad a' chlann dhachaigh a-rèir siostam air choireigin. Bha aig a' bhalach sin ri feitheamh gu math fada gus an robh cead aig a' chlas aige dol dhachaigh.
Agus chan eil stoirm sam bith ri fhaicinn an-seo! Tha am baile seo ann an gleann fada crom, cha bhi e uabhasach gaothach an-seo a-riamh. Bidh e nas miosa anns na bailtean beaga air na cnuic timcheall air a' bhaile mhòr...
Uill, chì sin dè eile bhitheas a' tachairt an-diugh.

beannachdan tèicneòlais pàirt II

... no an can mi "mallachdan"? :P

Fhuair mi inneal stereo bho bhan-charaid an seachdain sa chaidh. Cha robh dhìth aice air, agus dh' fhaighnich i am bu toigh leam-sa a cheannachd... Bha inneal gu math sean agus leth-bhriste againn-se, agus bha mi a' fàs feargach leis co-dhiù. Dh' aontaich mi ma-tha agus thug an duine aig mo bhan-charaid an t-inneal thugainn 'sa chàr. Bha mi chooo toilichte. Cha d' fhuair mi e saor 's an asgaidh, ceart gu leòr, ach cha robh i ag iarraidh cus airgid agus tha an t-inneal spaideil fhèin.

Ach... thòisch an duine agam-sa a chur air dòigh (chan urrainn dhà fuireach leis an seòrsa rud seo, tha e coltach ri balach beag, feumaidh e fheuchainn 'sa bhad ;) ), agus cha tàinig fuaim às idir. Bha an t-eagal orm gum bitheadh rudeigin briste, ach chuala mi e ag obrachadh ceart gu leòr aig taigh mo bhan-charaid.
An uair sin fhuair sinn a-mach gun robh an t-inneal fhèin ag obrachadh, agus fhuair sinn fuaim tro headphones, ach cha tàinig dad às na loudspeakers. Bha an duine agam air a shàrachadh, agus cha do dh' fheuch sinn a-rithist e gus an-diugh. Dh' fheuch e sin is siud agus cha robh dad ag obair... bha mise brònach mar-tha o chionn 's gun robh mi a' smaoineachadh air an airgead, agus bha mi ag iarraidh an inneil seo, tha feum agam air...
Ach mu dheireadh thall mhothaich esan gun robh e air na uèirichean a cheangail dhan inneal ann an dòigh cheàrr - feumaidh mi ràdh gur bheil sin a' coimhead gu math neònach air cùl an inneil, agus cha robh e soilleir idir ciamar a chuireadh iad ann...

Co-dhiù... tha e ag obrachadh fìor mhath a-nis, agus tha mi ag èisdeachd ri Björk: Debut.
Abair clàr math, cha robh mi ag èisdeachd ri Björk o chionn greis... agus abair loudspeakers math dha-rìribh! :-)

seachdain ùr :-)

Abair togail-inntinn a thig à leabhraichean ùra... Thàinig dà phacaid 'sa mhadainn an-diugh agus nach e toiseach seachdaine sgoinneil a tha seo? :-)
Tha mi a' faireachdainn mar gum bitheadh a' bhliadhna ùr air toiseachadh dha-rìribh a-nis, bha an seòmar comhraidh Gàidhlig làn daoine a-raoir, agus is dòcha gun tèid mi a Ghrionnlainn as t-samhradh.

(Chan eil sin ri leughadh gu furasda, ach tha am pacaid seo bhon bhùth leabhraichean "Atuagkat" ann an Nuuk, agus tha an comharra-phuist ag ràdh: Kalaallit Nunaat :-))

beannachdan tèicneòlais agus eile

Tha gaol agam air an inneal MP3 agam! :-D Hmm, a bheil sibh dhen bheachd gu bheil seo neònach? Is dòcha gu bheil. Ach tha mi dìreach cho toilichte gu bheil an t-inneal beag seo agam, tha e uabhasach feumail. Fhuair mi e aig mo cho-latha breith bhon duine agam :-) Chuir mi mòoooran ciùil air, agus stuth eile cuideachd: faidhlean bho Radio nan Gaidheal agus faidhlean ann an cànanan eile... agus dhìochuimhnich mi dè gu eagarra a tha ann, o chionn 's nach bi mi ag èisdeachd riutha cho tric 's a bu toigh leam. An-dè bha mi nam shuidhe anns a' bhus agus ag èisdeachd ri siud is seo, agus thachair mi ri faidhle air leth inntinneach: Bha cuideigin (Aonghas MacNeacail, tha mi a' smaoineachadh) a' dèanamh agallamh ri Ruaraidh MacThòmais. Abair Gàidhlig àlainn a tha aige-san! Bu chòir dhomh a' bhàrdachd aige a leughadh a-rithists... agus nach eil film ann air a bheatha? Ar leam gun robh sin aig "Film Alba" ann am Bonn uaireigin...

Rud eile - inneal eile - tha càmara agam a-rithist, yay! :-D Nikon F301 a th' ann, tè a bha mi ag iarraidh o chionn fhada... Uill, bidh mòran daoine ag ràdh: Dè an sgudal seann-fhasanta a tha seo? Ach tha mise measail air dealbhan a thogal anns an t-seann dòigh! :-P
Tha mi an dòchas gum bi an càmara ceart gu leòr. Cha deach a chleachdadh o chionn fhada, ach bha na batteries ann fhathast... agus leig aon dhiubh a-mach an stuth, eeeeh, a tha ann (haha, duilich, chan eil fhios agam ciamar a chanas mi sin 'sa Ghàidhlig). Gu fortanach cha deach e a-steach dhan chàmara fhèin, cha deach e ach dhan bhocsa fon chàmara far a bheil na batteries - no tha mi an dòchas gur ann mar seo a tha e.
Togaidh mi dealbhan a-màireach agus chì mi...


Tha naidheachd eile agam: Tha seòmar comhraidh Gàidhlig ann a-rithist. Tha mi an dòchas gun còrd e ruibh :-)
Nise, feumaidh mise an seòladh lìn agam fhìn air ais fhathast (mona-nic-leoid.de). Chaidh rudeigin ceàrr leis o chionn greis, ach chan e mise as coireach. Na cuiribh earbsa ann an rudan mar sin bho "charaidean", gun chumhnant!

Co-dhiù, thàinig naidheachd bhrèagha eile thugam 'sa mhadainn an-diugh. Bha fios agam mar-tha gu bheil dàn no dhà bhuam anns an iris ùr aig GATH, ach cha robh dùil agam air seo: Dh' fhosgail mi litir, agus bha seic ann :o An toiseach cha robh mi a' tuigsinn dè bha ann idir... bha mi a' smaoineachadh gun robh e bho Chomhairle nan Leabhraichean agus gun robh mi air pàigheadh cus no rudeigin, ach an uair sin chunnaic mi am meud... bha an t-iongnadh orm gun teagamh! :-) Tha mi an dòchas gum faigh mi an t-airgead seo ceart gu leòr tron bhanca Ghearmailteach agam...
Agus chan fhaca mi an iris ùr seo aig GATH gu ruige seo idir, hehe. Bu chòir dhomh "fo-sgrìobhadh" a dhèanamh, tha mi a' smaoineachadh... Tha mi air ordugh a chur ri Comhairle nan Leabhraichean, ach thuirt iad nach eil an iris aca an-dràsda agus feumaidh mi feitheamh seachdain no dhà... ach chan eil mi buileach cinnteach a-nis an e sin an iris as ùire co-dhiù, hmmm. Chì mi :-) Agus tha mi a' sgrìobhadh rudan ùra cuideachd.