bàrdachd sgoinneil

a bheil sibh eòlach air kevin macneil? thachair mi ris a' bhàrdachd aige a' chiad turas anns an fhiolm "is mise an teanga" agus ann an "leabhar mòr na gàidhlig", agus tha an dàn "o ghrunnd na mara" air mo theanga a-nis, nam chuimhne, mar gibht sònraichte nach dìochuimhnich mi riamh.
tha làrach-lìn aig kevin cuideachd, seallaibh an-seo: http://www.angelfire.com/poetry/loveandzen/

agus lorg mi làrach eile far a bheil cuid dhen sgrìobhaidh aig kevin ri leughadh, pìosan ann am beurla, agus uabhasach làidir a tha iad:
http://www.laurahird.com/showcase/kevinmacneil.html

tha mi ag iarraidh an leabhar "love and zen in the outer hebrides" aige a cheannachd, chuir mi ceist ri comhairle nan leabhraichean a bheil e aca.