latha samhraidh eile...

thòisich mi how to kill a dragon a leughadh an-diugh, ach cha deach mi air adhart glè fhada. chan eil an leabhar fhèin agam, ach leth-bhreac a rinn mi anns an leabhar-lann, agus chan eil agam ach fichead duilleag no mar sin gu ruige seo. feumaidh mi dol air adhart leis an seachdain seo. tha e uabhasach inntinneach, ged a tha e doirbh ri leughadh.

hmmhmmm, bu toigh leam rud atharrachadh mun bhlog seo. chunnaic mi aig blogaichean eile gu bheil na rudan beaga a tha sgrìobhte ann am beurla an-seo (mar ceann-latha, agus fo-sgrìobhadh aig gach teachdaireachd) anns a' ghàidhlig aig cuid dhaoine... ciamar a tha sin ag obrachadh? b' urrainn dhomh-sa cruth an ceann-latha atharrachadh, ach chan eil mi a' tuigsinn na rudan eile. feumaidh mi coimhead air an source code aig na daoine eile gu faiceallach, tha mi a' smaoineachadh... no a bheil comhairle dhomh aig cuideigin?

2 freagairt(ean)

sgrìobh... Blogger Graisg

Madainn mhath a Mhona,
'... ciamar a tha sin ag obrachadh?'
Fhuair mi taic bho Chadalach airson sin a dhèanamh Mhona. Saoilidh mi gum biodh an templete agad sa diofraichte. Dh' fhaoidte gum bi fhios aige dè bu chòir thusa a' cuir a steach cuideachd.
Tha pios code agam-sa a-nis co-dhiù, cuiridh mi thugad e ma thogras tu: a bheil am post-dealain aig do sheann làrach ag obair fhathast?

1:09 PM  
sgrìobh... Blogger Cadalach

Feasgar math,

Tha fios agam mu dheidhinn ruid no dhà as urrainn dhut dèanamh. Ma tha àm agam nas anmoiche, 's dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh rudeigin mu dheidhinn seo air a' bhlog agam. No 's urrainn dhut an t-seòladh agam (post-d) fhaighinn bho Ghraisg.

7:29 PM  

sgrìobh do bheachd!

<< air ais dhan bhlog