tha mi ann fhathast

cha do sgrìobh mi dad an-seo ged a bha rudan gu leòr a' tachairt. tha an samhradh a' tighinn, agus bha dùil agam dol do lithuania airson deireadh-seachdaine fada aig toiseach a' chèitean (bealtuinn). ach cha robh airgead gu leòr agam, agus bha mi a' smaoineachadh gum bitheadh e nas fheàrr feitheamh greis eile agus dol ann anns na saor-laithean as t-samhradh.
th gu leòr a' tachairt an-seo, mar a thuirt mi. tha mi trang ach toilichte aig an oilthigh, agus faodaidh sibh leughadh mu trioblaid air an t-slighe don oilthigh an-seo: http://5570.forum.onetwomax.de/topic=100378489149
chan eil mi a' dèanamh mòran mu mo chuid ghàidhlig aig an àm seo, agus chan eil sin cho math. bha dùil agam mòran rudan a leughadh, bàrdachd mar eisimpleir, agus rudan mu eachdraidh a' chànain.
ach tha mi a' toirt sùil air gàidhlig èireannach (gaeilge) a-nis - seadh, tá mé ag foghlaim gaeilge ag an oillscóil, ach níl móran agam fós :) chan eil i fìor dhoirbh, 's urrainn dhomh a leughadh... ach chan eil i cho furasda a thuigsinn ma tha daoine ga bruidhinn. agus ma tha mi ag iarraidh bruidhinn, chan eil ach faclan agus abairtean gàidhlig albannach nam cheann :) ach tha sin èibhinn gu leòr. tha clàs agam aig an oilthigh, agus sin ìre 4, tha na daoine eile 'sa chlàs air gaeilge ionnsachadh gu bhith dà bhliadhna agus tha iad gu math diùid ann an còmhradh. leughaidh sinn sgeulachdan mar "cù chulainn" agus tha sin inntinneach o chionn 's gu bheil mi a' leughadh an aon sgeul anns a' chlàs seann ghàidhlig/gaeilge cuideachd, mar a chaidh e a sgrìobhadh gu bhith mìle bliadhna air ais.