mill a h-uile rud // earrach!!!

chluich "mill a h-uile rud" ann an wermelskirchen di-sathairne. còmhlann punc gàidhlig a th' annta, agus bha oidhche sgoinneil làn gàidhlig is spòrs againn. 's dòcha gum bi mi ri fhaicinn air BBC cuideachd, ach tha mi gu math cinnteach nach tuirt mi ach sgudal mu choinneimh a' chamara... :)
dùrachdan dhan a h-uile ris a choinnich mi: gu h-àraidh tim agus seonaidh, bha e glè inntinneach bruidhinn ruibh.

b' e sin cuideachd a' chiad deireadh-seachdaine am bliadhna seo 's gun robh mi a' faireachdainn an earraich gu làidir... a' chiad turas am bliadhna gun deach mi sìos don bhaile le casan ruisgte ann am bròganan aotrom, airson flùraichean a cheannachd... hehe, an e hippie a th' annam? ;)
co-dhiù, cuiridh mi dealbhan an-seo a dh' aithghearr.

dealbhan eile... uill, rinn mi mòran dhealbhan air na saor-laithean anns na h-eileanan, aaaaaach - tha an camara briste >:( tha a' chuid as motha dhiubh dìreach dubh. ach co-dhiù, tha gu leòr ann (gu fortanach rinn mo chèile mòran cuideachd), agus cuiridh sinn leabhar-latha air an làrach-lìn agam a dh' aithghearr.

tha gàidhlig gu leòr ann timcheall orm an-dràsda, agus tha mi toilichte :)