brrr
tha mi tinn. bha mi nam chadal gu bhith fad an latha an-dè, agus tha mi a' faireachdain gu math lag an-diugh, ach tha mi aig a' choimpiutair a-rithist, haha :)
chan eil fhios agam dè bh' ann, bha mi a' faireachdain gu math grod feasgar di-haoine, agus an-dè bha mi uabhasach lag agus mo cheann goirt fad na h-ùine. ghabh mi dà paracetamol, ged a tha fios agam nach eil sin cho math dhomh (seòrsa allergy), agus an uair sin cha do rinn mi ach cadal. dhùisg mi mu mheadhan oidhche agus bha mi beagan nas fheàrr agus cha b' urrainn dhomh cadal a-rithist. leugh mi beagan rudan mu chànanan, mo chreach, nach e nerd a th' annam? tràth 'sa mhadainn bha tàirneanach ann, agus nuair a dh' eirich mi chunnaic mi gun robh sneachd ann. beagan neònach gu dearbh.
chan eil mi a' dèanamh mòran an-diugh...
ceòl an latha:
ulver - bergtatt
louisa john-krol - ariel

1 freagairt(ean)
Chan eil dad ann nach tig gu crìch math no dona e. Cha bhi e fada gus am bi thu air ais air do chasan 's a' dannsadh :-)
sgrìobh do bheachd!
<< air ais dhan bhlog