leabhar snog

tha mi a' leughadh "the sea kingdoms" le alistair moffat an-dràsda. cheannaich mi e air na saor-laithean, anns a' bhùth aig na tursachan calanais agus thòisich mi a leughadh anns an taigh beag snog anns na gearrannan... mar sin, tha cuimhne brèagha co-cheangailte ris an leabhar agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. tha e mu dheidhinn eachdraidh nan dùthchanan ceilteach breatannach agus ged nach eil mòran ùr ann thugam tha e sònraichte ann an dòigh. 's dòcha gum bi na h-ollaimh ag ràdh nach eil e "academic" gu leòr agus gu bheil e beagan "pathetic". ach aig an àm seo, 's toigh leam sin. tha an sgrìobhadair a' rannsachadh anam ceilteach nan dùthchanan seo, agus tha e glè mhath air innse agus na ceangail eadar eachdraidh agus an t-àm againne an-seo a shealltain.

chan eil an oilthigh a' toiseachadh an seachdain seo, seachdain saor eile, ach bidh mi toilichte a bhith ann a-rithist an ath-sheachdain. mar as àbhaist anns na saor-laithean bha mi ro leisg - ged a bha mòran rudan agam a bu chòir dhomh a dhèanamh - agus mar sin bha mi mi-thoilichte leam fhìn. nuair a tha mi trang aig an oilthigh co-dhiù, bidh mi daonnan a' smaoineachadh "anns na saor-laithean feumaidh tu sin agus siud a leughadh, bu toigh leat sin agus siud a sgrìobhadh..." agus mar sin air adhart. ach nuair a tha saor-laithean ann, bidh a h-uile rud a' falbh às m' inntinn.
grrr. an-dràsda fhèin, tha mi air an eadar-lìon cus. bu chòir dhomh an taigh a sgioblachadh :P