toileachas...

tha mi dìreach toilichte an seachdain seo. chan eil fhios agam carson. chan eil adhbhar sònraichte ann...
bha mi aig an oilthigh an-diugh, agus cha robh ach aon clàs ann o chionn 's gun robh aon dhen luchd-teagaisg tinn. bha sinn nar suidhe còmhla - cuid dhe na h-oileanaich - agus a' cabadaich, agus bha clàs lithuanian agam... is toigh leam sin dha-riribh, agus tha mi a' faireachdain gu bheil mi a' dol air adhart leis a' chànan sin, tha sin math. tha an tidsear cho uabhasach snog... chan eil ach dithis oileanach anns a' chlàs, mi-fhìn agus balach a tha a' dèanamh cànan innseach-eòrpach. gu tric bidh sinn a' cabadaich agus a' deasbad mu mòran rudan inntinneach. tha an tidsear glè fhiosrach agus tha ùidh aige ann an mòran chùspairean... 's e à latvia a tha e, agus uaireannan bidh mi a' smaoineachadh carson nach do rinn mi latvian seach lithuanian, ach co-dhiù, thòisich mi le lithuanian agus nì mi sin. 's e cànan àlainn agus inntinneach a th' ann, ged a tha mi dhen bheachd gu bheil fuaimneachd nas brèagha aig latvian. bu toigh leam dol ann as t-samhradh - do lithuania agus latvia, ach chan eil fhios agam fhathast am bi airgead gu leòr agam. mar as àbhaist bu toigh leam do do dh' alba cuideachd a-rithist...
rud eile, bidh an co-labhairt ceilteach anns an ostair 'san iuchair, agus thèid sinn ann bhon oilthigh an-seo... bha dùil agam gun tèid co-dhiù, ach tha sin beagan troimhe-chèile a-nis. chan eil ach sianar ag iarraidh dol ann, agus tha dùil aig ceathrar dol anns a' chàr aig duine air choireigin, agus feumaidh na daoine eile dol air an trèana... agus mise aon dhiubh :( ach bhitheadh sin uabhasach daor. tha mi beagan feargach. bha caraid agam ag iarraidh dol ann cuideachd, agus bhitheadh esan a' dol 'sa chàr, ach cha chuala mi bhuaithe a-rithist. grrr. uill, bha mi a' smaoineachadh, 's dòcha gum faigh mi ticead saor airson itealan... feumaidh gu bheil companaidh no dhà a' dol bho köln/bonn gu linz no wien... chì mi. bhitheadh sin beagan "posh", dol don cho-labhairt air a' phlèana, hehe.
a-nis, feumaidh mi òraid bheag ullachadh a nì mi a-màireach ann an seann chuimris - haha, cha bhi mi a' bruidhinn anns a' chuimris, ach mu dheidhinn cuimris...
innsidh mi dhuibh ciamar a bha e an uair sin.