sonic youth

tha féis ciùil mhòr ann an deireadh-seachdaine seo anns a' ghearmailt, rock am ring. cha rachainn ann idir, tha clìu aice a bhith na féis as salaiche, sgudalaiche agus as daoire air feadh na dùthcha.
ach chluich buidheann ciùil ann as toigh leam gu mòr - sonic youth . tha gaol agam air an ceòl aca fad 15 bliadhna no mar sin, 's e sin tuilleadh air an dàrna leth mo bheatha gu ruige seo :) bha agus tha iad glè glè chudthromach dhomh. tha iad a' dèanamh ceòl neònach, fiadhaich agus àlainn àlainn... nuair a bha mi nas òige bha mi daonnan ag iarraidh a bhith coltach ris an seinneadair boireanta aca, kim gordon.
bha mòran de na cuirm-ciùil aig rock am ring ri fhaicinn air an eadar-lìon, agus choimhead mi air sonic youth a-raoir. bha sin fada nas fheàrr na bhith am measg daoine gòrach anns an uisge, nam bheachd-sa :) cha robh an cuirm-ciùil cho uabhasach math... bha e ro ghoirid, agus coltach nach robh ùidh mhòr aig a' bhuidheann cluiche an-sin. ach bha e ceart gu leòr. dh' éisd mi riutha air cuirm-ciùil eile da thuras roimhe, mu 10 no 11 bliadhna air ais agus mu 3 no 4 bliadhna air ais, agus bha sin air leth math.