banca

bha mi aig a' bhanca 'sa mhadainn an-diugh airson airgead latvian fhaighinn... tha dùil agam CD a cheannachd bho buidheann-ciùil ann an latvia, agus an t-airgead a chur thuca ann an litir. co-dhiù, thuirt am fear anns a' bhanca nach eil airgead latvian ann. "oh, tha", thuirt mise, "chan eil euro aca." - thuirt esan: "tha iad anns an EU a-nis, agus mar sin tha euro aca." - "tha breatainn anns an EU cuideachd, agus chan eil euro aca", fhreagair mi. ach thuirt esan: "tha mi cinnteach gur urrainn dhuibh paigheadh le euro ann an gach dùthaich a tha anns an EU ged a tha seann airgead eile aca fhathast." - nach arrogant a tha sin? thuirt mi gum bi mi ann an sassain agus alba gu tric, agus chan fhaodar pàigheadh le euro idir ann an bùthan àbhaisteach. agus ma tha mi airson rud a cheannachd à latvia, bu toigh leam airgead latvian a chur do na daoine. ach thuirt am fear 'sa bhanca nach urrainn dhaibh airgead latvian faighinn air mo shon. bah! thuirt mi gum feuch mi aig banca eile a-màireach, agus bha e beagan feargach an uair sin, ach thachair rud coltach ri sin roimhe... bha dùil agam dol do dh' alba agus bha mi airson airgead breatannach fhaighinn, ach thuirt iad aig a' bhanca agam nach eil e aca agus dh' fheumainn pàipear a liontainn agus gheibheadh iad an t-airgead air mo shon an-dèidh 5 laithean... ach bha dùil agam dol do dh' alba an latha eile no mar sin, agus mar sin ghabh mi an t-airgead bhon cunntas agam, chaidh mi do bhanca eile faisg air làimh agus dh' fhaighnich mi an-sin, agus bha airgead breatannach gu leòr aca.
is dòcha gum bu chòir dhomh an cunntas agam a ghluasad do bhanca eile... :P